Loch ann an Alba From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch na Doire Daraich. Tha an t-ainm Loch Culag cumanta a-measg muinntir an àite cuideachd.[1]. Tha e suidhichte ann an Asaint mu 1/4 mìle san àird an iar-dheas air Loch an Inbhir.
Tha an loch mu leth-mhìle a dh'fhad agus tha an leud aige beagan nas lugha na ¼ mìle aig an àite as leathainne. San farsaingeachd tha e mu 1/7 mìle a leud. Tha Loch na Doire Daraich cho mòr ri 44 acair agus tha an àrainn drèanaidh dìreach aige cho mòr ri beagan a bharrachd na mìle ceàrnagach. Ach tha an t-uisge bho Loch Druim Suardalain a' sruthadh anns an loch seo cuideachd agus mar sin tha an àrainn drèanaidh timcheall air 14 mìle ceàrnagach uile gu lèir. 'S e 3,5 troigh an domhainneachd mheadhanach aige le 9 troigh aig an àite as doimhne. Tha bàrr uisge an locha 72,5 troigh os cionn na mara. [1] Tha Abhainn na Culeig a' sruthadh tro Loch na Doire Daraich agus a' toirt an uisge a-mach gu Loch Inbhir.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.