Remove ads
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e sgìre ann an ceann an iar-thuath na h-Alba a tha ann an Asaint no Asainn. Tha i na pàirt den t-siorrachd tradaiseanta Cataibh. Tha Asaint suidhichte tuath air Ulapul. Thàinig an t-ainm bhon t-seann Lochlannais agus tha e a' ciallachadh 'deireadh na droma'.[2] 'S e Loch an Inbhir am baile as motha ann an Asaint.
Asaint | |
Caisteal Ardvreck; fodha, Cataibh, tha Asaint san iar | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Sgìre | Cataibh |
Baile as motha | Loch an Inbhir |
Co-chomharran | 58° 46′ 57.28″ T 5° 6′ 25.62″ I |
Comharradh-clèithe | NC2092 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 1,011 (2011[1]) |
Fios Eile | |
Cànan | Beurla, Gàidhlig, Beurla Gallda |
Àireamh fòn | 01571 |
Tha Asaint ainmeil airson na feartan-tìre aige. Tha Uamh An Claonaite, an uamh as fhaide ann an Alba mu chòig mìltean deas air Innis nan Damh.[3] Tha tèarmannan-nàdair ann mar an Inverpolly Nature Reserve agus Creag a' Chnocain le ionad-fiosrachaidh mu eòlas-talmhainn den Moine Thrust. Tha na beanntan ann an Asaint, m.e. a' Chuineag, Canisp, Suilven, Cùl Mòr, Stac Pollaidh is Ben More Assynt a' tarraing mòran luchd-turais.
Tha a' chuid as motha de dh'Asaint aig Oighreachd Asaint a Tuath. Cheannaich iad am fearann ann an 1992 an dèidh strì fada leis an Scandinavian Property Services Limited a bha airson an oighreachd a bhriseadh sìos ann am pìosan beaga.
Gu ìre mhòr tha bailtean croitearachd ann an Asaint: Torbreck, Achadh Mhealbhaich, Clach Toll, an Clais Mòr, Baile a' Chladaich, Ardnacarin, an Cùl-cinn, Raffin, an Stòr, Clais an Easaidh, Cùl-Cinn an Droma Bhig, an Druim Beag agus an Nead. Chaidh iad uile a stèidheachadh aig Àm nam Fuadaichean. Tha timcheall air 1000 duine a' fuireach an seo, le dìreach ¼ dhiubh nach robh a' dèanamh a' bheòshlainte à croitearachd.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.