Loch Asainte

From Wikipedia, the free encyclopedia

Loch Asainte

'S e loch ann an Asaint a tha ann an Loch Asainte neo Loch Asainn [1] Tha e mu ochd cilemeatair san ear-thuath Loch an Inbhir. 'S e seo na co-chomharran aige: 58° 10′ 30″ Tuath agus 5° 2′ 30″ Iar.

Thumb
Loch Asainte
Thumb
Suidheachadh
Loch Asainte
Suidheachadh Loch Asainte air a' Ghàidhealtachd

'S e Canisp, a' Chuineag agus Beinn Uidhe na beanntan as motha a tha timcheall air. Thèid uisge a-steach bho lochan eile mar Loch Obha, Loch Maol a' Choire agus Loch Leitir Easaidh agus sruthaidh an t-uisge a-mach à Loch Asainte tro Abhainn Inbhir chun na mara.

Tha an loch mu 6 mìltean air fhad agus mu 0.9 mìle (1.5 cilemeatair) air leud. Tha e cho mor ri 1,977 acair. Tha an t-àite as deimhinne mu 86 meatair (282 troigh) agus tha bàrr uisge an locha mu 215.1 troigh (65.55 meatair) os chionn na mara.[2]

'S e àite math airson iasgaich, gu h-àraidh breac, breac donn is bradan.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.