Lazarillo de Tormes
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e nobhail phoileataigeach agus sòisealta Spàinntis, on Aois an Òir air a sgrìobhadh gu dìomhair ann an stoidhl aoireil ris an canar pìocarach,[1] 's th' ann an La vida de Lazarillo de Tormes y de sus fortunas y adversidades (Gàidhlig: Beatha Lazarillo de Tormes agus a chuid seanns is cruadalachd). Chaidh fhoillseachadh airson a' chiad turais ann an 1554 aig an aon àm ann an trì bailtean: Alcalá de Henares, Antwerpen agus Burgos.[2] Suidhichte ann an Salamanca, Toledo agus ann an iomadh baile beag eile ann an cridhe na Spàinne, 's e bildungsroman 's ann an Lazarillo de Tormes, a leanas beatha fir bochd anns An Spàinn anns an 16mh Linn. Thug an nobhaileag bheag seo buaidh uabhasach fhèin làidir air sgrìobhadairean eile mar Cervantes, Daniel Defoe, Charles Dickens, Henry Fielding, Jean-Jacques Rousseau agus Mark Twain.
La vida de Lazarillo de Tormes y de sus fortunas y adversidades (Beatha Lazarillo de Tormes agus a chuid seanns is cruadalachd) | |
Fiosrachadh | |
Sgrìobhadair | Neo-ainmichte |
Bliadhna Foillseachaidh | 1554 |
Cànan | Spàinntis |
Dùthaich | An Spàinn |
Gnè-sgrìobhaidh | Picaresca, Bildungsroman Aois an Òir |
Cuspair | Nobhail Poileataigeach agus Sòisealta |
Suidhichte | Salamanca, Toledo |