From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e nobhail ionnsachaidh air neo nobhail trèanaidh 's a th' ann am bildungsroman. 'S ann à bildung (leasachadh) ann an Gearmailtis a thàing am facal. Nochd an sèorsa leabhair seo anns A' Ghearmailt anns an 18mh Linn.[1] Thathar daonnan ag ràdh cuideachd gur e sgeulachd inntreagaidh dhan bheatha 's a th' annta, far am faicear caractar air chòireigin òg a dh'fhulangas triobaidean agus a thèid tro gach cruadal, agus a dh'fhàsas mean air mhean nas nas sgileile, nas foghlmaite agus eadhon nas eòlaiche, aig a' cheann thall, mun bhàs, gràdh agus gràin.[2] Tha cuid dhen bheachd gur e Wilhelm Meisters Lehrjahre (Gàidhlig: Preantasachd Wilhelm Meister), a sgrìobh Johann Wolfgang von Goethe ann an 1795 a bh'anns a' chiad bhildungsroman,[3] gu ìre mar a thachradh ann am Lazarillo de Tormes ann an 1554 a bha gu dearbh na nobhaileag Picaresca. 'S urrainnear na bildungsromane a roinneadh ann an iomadh roinn-seòrsa: nobhailean saidhgeòlasach, feadhainn eile a nì fòcas air àrainneachdean agus cleachdaidhean, agus eadhon nobhailean sgoilearail. Faodar grunn fhoirmlean a chleachdadh a' gabhail a-steach an nobhail eachdraidheil, an nobhail fèin-eachdraidheil agus an nobhail ann an litrichean.[4]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.