‘S e baile air an àirde an iar Innis Tìle a th’ ann an Kópavogur (IPA: ˈkʰoːupavɔɣʏr̥). Tha e suidhichte faisg air Reykjavík, dìreach aig ìre na mara,[1] san roinn Höfuðborgarsvæðið (Roinn a' phrìomh-bhaile), eadar Loch Ellidavatn agus a' muir, 386km air falbh bho Akureyri agus 47km bho Selfoss.[2] Tha 36,975 duine a’ fuireach sa bhaile.[3] 'S e an dara baile as motha na dùthcha an dèidh Reykjavík a th'ann an Kópavogur. Tha e a' buntainn dhan sgìre-phàrlamaid Suðvesturkjördæmi.[4]

Kópavogur
Thumb
Gearradh-arm
no Seula
Thumb
Thumb
Suidheachadh
Dùthaich Innis Tìle
Sgìre Höfuðborgarsvæðið
Co-chomharran 64° 6' 39 Tuath
21° 56' 21 I
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 80 km²
Àireamh-shluaigh 36,975 (2019)
Dlùths 462.19/km²
Àireamh fòn + 354
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

Eachdraidh

Chaidh Kópavogur a chlàradh airson a'chiad turais ann an 1523 agus bha e a gairm na bhaile ann ann 1948. B' ann ann an 1662 ann an Kópavogur a thug An Danmhairg greim air Innis Tìle, nuair thug an t-Easbaig Brynjólfur Sveinsson agus a fear-lagh Árni Oddsson an cuid ainmean gu sgrìobhain a ghabhadh ri monarcachd.[5] Chaidh am fiolm Sumarlandið (Tìr an t-Samhraidh) fhiolmadh an seo ann an 2010.[6] Chaidh Flokkur Fólksins, partaidh poileatagach na làimhe chlì, a stèidheachadh an seo ann an 2016. Thogadh Björk Guðmundsdóttir an seo.

Freumh-fhaclachd

Tha an t-ainm a' ciallachadh Òb nan Ròn sa chànan aca, bho Kópar (Ròn) agus Vogur (Òb).

Daoine Ainmeil

  • Emilíana Torrini (1977): Ceòladair.
  • Sverrir Ingi Ingason (1993): cluicheadair ball-coise.

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Wikiwand in your browser!

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.

Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.