From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e bancair, agus neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann an Jóhann Hafstein.[1] Rugadh e air 7 an t-Iuchar 1915 ann an Akureyri. Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn á Akureyri, Oilthigh Lunnainn, Oilthigh Copenhagen agus Oilthigh Innis Tìle. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1946 agus bha e na labhraiche dà thuras, bho 1959 gu ruige 1961 agus an uair sin eadar 1962 agus 1963. Fhuair e ceithir ministrealachd (ceartas, creideamh, slàinte agus malairt) mus robh e na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) fad còrra mìos, bho 1970 gu ruige 1971 às leth Sjálfstæðisflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd). Phòs e aig Ragnheiður Thors - nighean-bhràthar Ólafur Tryggvason Thors agus ogha Hannes Þórður Pétursson Hafstein - ann an 1938 agus fhuair iad triùir chloinne còmhla.[2] Chuir e seachad bliadhnaichean os cionn bhanca air an robh Útvegsbanki (Gàidhlig: Banca an Iasgaich).[3] B' esan a riochdaich Innis Tìle aig Seanadh Coitcheann nan Dùthchannan Aonaichte ann an 1953, 1959 agus 1974. Chaochail Hafstein ann an Akureyri air 15 an Cèitean 1980.[4]
Jóhann Hafstein | |||||||||||||||||||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
5 dhen Chèitean 1951 - 11 dhen Dùbhlachd 1951
20 dhen Chèitean 1954 - 29 dhen Chèitean 1954
29 dhen Ghiblean 1957 - 21 dhen Ghiblean 1959
24 dhen Ghiblean 1961 - 28 dhen Ghiblean 1961
21 dhen t-Sultain 1961 - 20 dhen Ghiblean 1964
10 dhen Dàmhair 1961 - 1 dhen Fhaoilleach 1962 ← Bjarni Benediktsson - Bjarni Benediktsson →
14 dhen t-Samhain 1963 - 1 dhen Fhaoilleach 1970 ← Bjarni Benediktsson - Eggert Gíslason Þorsteinsson (en) →
14 dhen t-Samhain 1963 - 9 dhen Dàmhair 1970 ← Bjarni Benediktsson - Auður Auðuns (en) →
14 dhen t-Samhain 1963 - 10 dhen Dàmhair 1971 ← Bjarni Benediktsson - Magnús Kjartansson (en) →
10 dhen Iuchar 1970 - 14 dhen Iuchar 1971 ← Bjarni Benediktsson - Ólafur Jóhannesson (en) →
15 dhen Chèitean 1972 - 29 dhen Fhaoilleach 1975 | |||||||||||||||||||||||||
Beatha | |||||||||||||||||||||||||
Breith | Akureyri, 19 dhen t-Sultain 1915 | ||||||||||||||||||||||||
Dùthaich | Innis Tìle | ||||||||||||||||||||||||
Bàs | Akureyri, 15 dhen Chèitean 1980 | ||||||||||||||||||||||||
Foghlam | |||||||||||||||||||||||||
Foghlam | Oilthigh Innis Tìle | ||||||||||||||||||||||||
Cànain | Innis Tìlis | ||||||||||||||||||||||||
Dreuchd | |||||||||||||||||||||||||
Dreuchd | neach-poileataigs | ||||||||||||||||||||||||
Ballrachd | Seanadh Pàrlamaideach Comhairle na Roinn Eòrpa | ||||||||||||||||||||||||
Creideamh | |||||||||||||||||||||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Sjálfstæðisflokkurinn |
Seo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineit fhad 's a bha Hafstein os cionn an riaghaltais.[5] Bhuinneadh ias uile gu Framsóknarflokkurinn:
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.