Contae na hIarmhí
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae na hIarmhí[1] (tuiseal ainmneach: An Iarmhí,[2] Laideann: Comitatus Midiensis Occidentalis). Tha e suidhichte ann an teis-mheadhan na dùthcha, ann an Còigeamh Laighean. Tha 86,164 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 1,763km²,[3] an 13mh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 23mh a thaobh àireamh-shluaigh. Tha crìochan aig Contae na hIarmhí le Longfort, Uíbh Fhailí, Ros Comáin, An Mhí agus Muineachán.[4] Bha 141,300 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e An Mullach Mín (856m) a th' ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6] Chaidh Iarmhí a sgaradh bho Chontae na Mí fhèin ann an 1543.
Contae na hIarmhí | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Èirinn |
Còigeamh | Còigeamh Laighean |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 1,763 km² |
Àireamh-shluaigh | 86,164 () |
Dlùths | 48.87/km² |
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
Sgìrean Ionadail
Tha dà bharanachd deug (Gaeilge: barúntacht) am broinn na Iarmhí: Breámhaine, Cluain Lonáin, Corca Raoi, Dealbhna, Fir Bhile, Fir Thulach, Baile Fhobhair, Cill Chainnigh Thiar, Maigh Asail agus Machaire Ó dTiarnáin, Maigh Chaisil, Uí Mhac gCuais agus Ráth Conarta. A bharrachd air sin, tha 64 parraistean[7] (ann an dà sgìreachd-easpaig: An Mhí agus Ardach-Cluain Mhic Nóis)[8] agus 1,376 bailtean fearainn sa chontae.
Bailtean
Iomraidhean
Wikiwand in your browser!
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.