‘S e baile beag agus port air an oirthir faisg air Caisteal Dhùghlais, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Cille Chùithbeirt[1]. Tha e suidhichte aig 65m os cionn ìre na mara,[2] ann an cridhe na roinne Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh (Siorrachd Chille Chùithbeirt ro 1975), eadar Baile Ùr nan Stiùbhartach agus Dail Bheithe, aig inbhir na h-aibhne Uisge Dhè. Tha e 40km air falbh bho Dhùn Phris, 112km bho Glaschu, 64km bhon An t-Sròn Reamhar agus 135km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Tha 3,447 duine a' fuireach anns a' bhaile[4] agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Cille Chùithbeirt, ged an robh Gàidhlig fhathast beò ro 1700.[5] Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus iasgach. B' àbhaist dha a bhith na bhaile-siorrachd.

Cille Chùithbeirt
Thumb
Suidheachadh
Thumb
Cille Chùithbeirt
Cille Chùithbeirt (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh
Co-chomharran 54° 50′ Tuath
04° 03′ Iar
Comharradh-clèithe NX685505
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 3,447 (2011)
Àireamh fòn 01557
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

Eachdraidh

Tha baile air a bhith ann an seo iomadach linn ron 12mh Linn nuair a stèidheachaidh abaid, a chaidh atharrachadh gu eaglais san 16mh Linn. Chaidh a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1291 mar Kirkcutbrithe.[6] Fhuair Cille Chùithbeirt a chuid chòirichean bhon Righ Seumas II ann an 1453[7] ach do thogadh toll-bùtha is crois a' mhargaidh agus gus 1625. Chaidh am baile a chuairteachadh leis na Sasannaich ann an 1547, ach cha do ghèill muinntir a' bhaile idir.[8] Thog Tòmas MacGilleFhaolain caisteal ri taobh a' chidhe ann an 1570, a chaidh a choileanadh mu dheireadh thall ann an 1585. Tha beul-aithris a' cumail a' dol gun do chuireadh gu bàs bana-bhuidseach à Baile MhicIllFhaolain an seo, tè air an robh Eilispidh NicEòghain, ann an 1698[9] agus gun do thìodhlacadh i taobh a-muigh na cille an seo. Bha luchd-ealaine mar Edward Atkinson Hornel[10] agus George Henry, a bhuineadh dhan bhuidhinn ealain na Balaich à Glaschu, nan thàmh an seo bho mu 1880 gu ruige mu 1910, rud a thugadh cliù dhan bhaile air sàilleabh an chuid obrach san sgìre. Bha ceannard na bhuidhne, James Paterson, a' fuireach faisg air làimhe anns a' Mhòine Naomh cuideachd. Stèidheachadh loidhne-rèile eadar Dùn Phris agus Cille Chùithbeirt ann an 1864 ach dhùineadh an seirbheis ann an 1965.[11] Chaidh sealladh neo dhà às an fhilm Wickerman fhilmeadh an seo ann an 1973.[12]

Tachartasan

Bidh mòran dhe fhèis a' gabhail àite tron bhliadhna san sgìre: Fèis Chiùil Wickerman san Iuchar ann an Dùn Droighnein, Fèis Chiùil Jazz san Ògmhios agus Fèis Òrain sa Chèitean.[13] A bharrachd air sin, tha iomadach ghnìomhachas ann cuideachd: taighean-seinnse agus gallaraidhean-ealaine.[14]

Ri Fhaicinn

Iomraidhean

Wikiwand in your browser!

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.

Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.