'S e provincia na Spàinne a tha ann an Cáceres (IPA: kaθeɾes, Estremeñu: Caçris). Tha e na laighe ann an Extremadura, ann an ceann a deas na dùthcha. 'S e Cáceres a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Andalusia i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Cáceres fad 19,868km²[3] agus tha 415,446 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an dàrna roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 34mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Ávila, Badajoz, Ciudad Real, Salamanca, Toledo agus A' Phortagail.[5] 'S e Fala agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.