'S e provincia na Spàinne a tha ann an Toledo (IPA: toˈleðo). Tha e na laighe ann an Castilla-La Mancha, ann am meadhan na dùthcha. 'S e Toledo a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla la Mancha i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Toledo fad 15,370km²[3] agus tha 707,242 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 18mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 22mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Ávila, Badajoz, Cáceres, Ciudad Real, Cuenca agus Madrid.[5] 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.