From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e provincia na Spàinne a tha ann an Ciudad Real (IPA: θjuˈðað reˈal). Tha e na laighe ann an Castilla-La Mancha, ann an ceann a deas na dùthcha. 'S e Ciudad Real a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla la Mancha i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Ciudad Real fad 19,813km²[3] agus tha 530,175 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an treas roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 30mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochan aice le Albacete, Cáceres, Córdoba, Cuenca, Jaén agus Toledo.[5] 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.
Ciudad Real
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Prìomh-bhaile | Ciudad Real City (en) | ||||
Stèidhichte | 1833 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 19,813 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 530,175 (2014) | ||||
Dlùths | 26.76/km² | ||||
Àireamh fòn | + (926) | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
Tha e soilleir gur e dìreach dà fhacal san Spàinntis a th' ann an t-ainm seo: ciudad (Gàidhlig: baile mòr) agus real (Gàidhlig: rìoghail). Bheireadh sin Baile Rìoghail dhuinn sa chànan againne fhèin. Thug an rìgh Alfonso X ainm ùr dhan àite ann an 1255[6] o chionn's gur robh e a' feuchainn ris an sgìre a thoirt a-mach bho na Rìdirean Calatrava.[7] B' e Pozuelo Seco de Don Gil (Gàidhlig: Tobar Thioram Mhaighstir GhillEasbaig) a bh' ann an t-seann ainm. Mar a b' àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.
Tha iadhtag ann, a bhuineas do Chiudad Real, thall air an àirde an iar na roinne far an tig Badajoz, Cáceres agus Toledo ri chèile. 'S e Rincón de Anchuras an t-ainm a tha air.[8] Tha e na aite fa leth air sàilleabh gu bheil sliabh ann eadar an iadhtag sin agus an còrr dhen roinn. Chan eil ach 455 duine a' fuireach ann.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.