Ólafur Tryggvason Thors
From Wikipedia, the free encyclopedia
From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e bancair agus neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann an Ólafur Tryggvason Thors.[1] Rugadh e air 19 am Faoilleach 1892 ann am Borgarnes (Vesturland). Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík agus Oilthigh Copenhagen, thall san Danmhairg, an dùthaich às an tàinig athair. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1926. Bha e na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) còig turas: fhad greiseag ann an 1942 nuair a bha an dùthaich a' feuchainn ris a chuid neo-eisimeileachd a chumail tron Chogadh, turas eile eadar 1944 agus 1947 aig deireadh a Chogaidh agus trì tursan an dèidh a' Chogaidh: eadar 1949 agus 1950, bho 1953 gu ruige 1956 agus bho an uair sin eadar 1959 agus 1963 airson Sjálfstæðisflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd). B' e Thors a' chiad fhorsætisráðherra na Poblachd Innse Tìle. Bha Ragnheiður Thors - nighean-bhràthar Thors - pòsta aig Jóhann Hafstein. Chaochail Thors ann an Reykjavík air 31 an Dùbhlachd 1964.
Seo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineitean fhad 's a bha Thors os cionn an riaghaltais.[2] Bhuinneadh iad uile gu Alþýðuflokkurinn, Framsóknarflokkurinn agus Sjálfstæðisflokkurinn:
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.