From Wikipedia, the free encyclopedia
’S e baile mòr faisg air Valladolid ann an cridhe na Spàinne a th’ ann am Palencia (IPA: paˈlenθja). Tha e suidhichte aig 749m os cionn ìre na mara, 235km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 561km bho Bharcelona.[1] Tha 79,595 daoine a’ fuireach ann am Palencia.[2] Tha e ainmeil air fad an t-saoghail airson an amar-uisge nan Ròmanach a tha a seo. A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Palencia a th’ann cuideachd.
Palencia
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Palencia | ||||
Sgìre | Castilla y León | ||||
Co-chomharran | 42° 01' 00' Tuath 04° 32' 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 163.59 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 79,595 (2009) | ||||
Dlùths | 486.55/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 979 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
Tha e coltach gur ann à Pallantia ann an seann Cheiltis a tha an t-ainm, bho pl̥s-n̥t-y-eh2 a tha a' ciallachadh clach no làn (Innd-Eòrpais: *pl̥s-eh2 Farsi: parša, Gearmailtis: fels, Gaeilge: all, Asturianis: palla, gailisis: pala)[3] 'S e an t-seann iar-leasachan Ceilteach -nt a tha aig an deireadh. Bheireadh an t-ainm seo Meall Àrd sa Ghàidhlig an latha na-diugh. Thathar dhen bheachd gur e ainm Ceilteach air sàilleabh gu bheil P ga chumail aig toiseach an fhacail mar Chuimris agus tha an N air fhuaimreagachadh: /*n̥/. Tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Pal (loch, abhainn no gleann) agus Antia (farsaing).
B' e na Ceiltich o shean a stèidhich am baile. Chaidh oilthigh a stèidheachadh an seo ann an 1221. Mar a b’àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[4] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.[5]
A rèir nam figearan, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann am Palencia.[6] Cha tuit ach 439mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 734mm nas lugha na Steòrnabhagh - leis gur e àite uabhasach fhèin àrd tioram a th' ann.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.