From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile mòr eadchraidheil air an àirde an iar-thuath na Spàinne a th’ ann am Valladolid (IPA: baʎaðoˈlið, far-ainm: Pucela, Laideann: Valdoletum). Tha e suidhichte aig 690m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na h-Aibhne Duero,[2] anns an Sgìre (Spàinntis: Provincia) Valladolid fhèin, anns a’ Choimearsnachd le Fèin-riaghladh (Spàinntis: Comunidad Autónoma) Castilla y León, faisg air na crìochan leis A' Phortagail, 162km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na dùthcha, 487km bho Bharcelona agus 400km bho Shevilla.[3] Tha 154,462 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile,[4] an 13mh baile na dùthcha.[5]
Valladolid
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Castilla y León | ||||
Sgìre | Valladolid | ||||
Co-chomharran | 41° 39 07′ Tuath 04° 43 42′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 187.91 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 313,437 (2011) | ||||
Dlùths | 1,668.02/km² | ||||
Àireamh fòn | 034 983 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.valladolid.es |
'S ann connspaideach 's a tha freumh-fhaclachd an ainm. Tha cuid dhen bheachd gur ann à Vallis Tolitum (Gàidhlig: Gleann nan Uisgeachan), ann an Ceilteach-ibearais. A dh'aindeoin sin, tha cuid eile a' cantainn gur mathaid gur ann à Vallis Olivetum (Gàidhlig: Gleann nan Dearcan-ola) B' e Vallisoletum a bha air fad nam meadhan aoisean.[6] Chaidh an t-ainm arabachadh gu بلد الوليد (Balad al-Walīd): Bheireadh sin Baile Walid dhuinn anns a' Ghàidhlig.[7]
Chaidh oilthigh a stèidheachadh ann an Valladolid ann an 1241.[8] B' e prìomh-bhaile Crùn na Castilla eadar 1601 agus 1606 a bh' ann am Valladolid. Chaochail an ceann-feadhna Gàidhealach Aodh Rua Ó Dónaill an seo ann an 1602. Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[9] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.[10]
A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Valladolid .[11] Cha thuit ach 433mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 740mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm)[12] - leis gur e àite gu math tioram a th' ann.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.