From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e feallsanaiche poileataigeach às a' Ghearmailt a bha ann an Karl Heinrich Marx (Trier, 5 an Cèitean, 1818 – Lunnainn, 14 am Màrt 1883). Bhitheadh e a sgrìobhadh mu airgeid agus cumhachd. Cuide ri Friedrich Engels, stèidhich e an fheallsanachd phoilitigeach ris an canar Co-mhaoineas anns an duilleachan no pamflaid "am Manifesto Commanach" a thàinig a-mach ann an 1848. An dèidh seo 's e 'Marxachas' a dh'èighear air na smuaintean aige.
Karl Marx | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Karl Heinrich Marx |
Breith | Trier, 5 dhen Chèitean 1818 |
Dùthaich |
Rìoghachd na Pruise 1845) Rìoghachd Aonaichte duine gun stàit (1845 - |
Àite-fuirich |
Lunnainn Trier Berlin Paris The Swan (en) |
Cinneadh | Iùdhaich Ashkenazi |
Ciad chànan | Gearmailtis |
Bàs | Lunnainn, 14 dhen Mhàrt 1883 |
Àite-adhlacaidh | Tomb of Karl Marx (en) |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (lung disease (en) ) |
Teaghlach | |
Athair | Heinrich Marx |
Màthair | Henriette Presburg |
Cèile | Jenny von Westphalen (en) (19 dhen Ògmhios 1843 - 1881) |
Clann | |
Bràithrean ⁊ peathraichean | |
Sinnsirean |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Jena Gimnasium Real Frederick William III (en) (1830 - Oilthigh Bonn (dhen Dàmhair 1835 - 1836) Oilthigh Humboldt Berlin (dhen Dàmhair 1836 - : jurisprudence (en) , feallsanachd |
Àrd-fhoghlam | Dotair Feallsanachd |
Teusas | Differenz der demokritischen und epikureischen naturphilosophie |
Stiùiriche an teusais | Bruno Bauer (mul) |
Cànain | Gearmailtis |
Luchd-teagaisg | Friedrich Gottlieb Welcker (en) |
Dreuchd | |
Dreuchd | eaconamaiche, neach-naidheachd, eachdraiche, feallsanaiche, sòiseo-eòlaiche, rèabhlaideach, bàrd, neach-poileataigs, sgrìobhadair, ùghdar, eòlaiche nan saidheansan sòisealta, socialist (en) agus film screenwriter (en) |
Àitichean-obrach | Köln |
Fastaichean |
Neue Rheinische Zeitung (en) Rheinische Zeitung (en) |
Obraichean comharraichte |
Economic and Philosophic Manuscripts of 1844 (en) Capital: A Critique of Political Economy (en) The German Ideology (en) Am Manifesto Commanach |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Buaidh | Georg Wilhelm Friedrich Hegel, Max Stirner (mul) , Ludwig Feuerbach (mul) agus The Essence of Christianity (en) |
Ballrachd | Comann Eadar-nàiseanta nam Fir-obrach |
Far-ainmean | Glückskind |
Creideamh | |
Creideamh |
neo-dhiadhaireachd antitheism (en) |
Pàrtaidh poileataigeach | Communist League (en) |
IMDb | nm0555631 |
Bha e na oileanach sna oilthighean ann am Bonn agus Berlin. Dh'imrich e do Pharas ann an 1843, far an do choinnich e Engels, agus Lunnainn ann an 1849. Tha mòran den bheachd gur e an leabhar is cudromaiche aige Das Kapital a sgrìobh e tarsainn air trì deichead agus far an do bhris e sìos, bheachdaich e agus gu ìre dh'ainmich e an seòrsa eaconamas ris an canar Kapitalismus (Gàidhlig: calpachas) san latha an diugh. Bha e a' dol an aghaidh bheachdan eaconamas libearalaich agus lean mòran deasbaid eadar an fheadhainn a tha ag aontachadh leis agus an fheadhainn nach eil. A rèir Marx,[1] bidh còmhstri ann eadar a' Bhùirdeasachd agus am Mòr-shluagh an-còmhnaidh.
Dh'ùghdar e gu leòr leabhraichean eile mu iomadach cuspair cuideachd. Ged a chaidh a bhreith anns a' Ghearmailt bha aige ri gluasad dhachaigh glè thric oir nach bu chaomh le toir dhaoine na beachdan aige agus mu dheireadh rinn e a dhachaigh ann an Lunnainn agus dh'fhuirich e an sin gus an do bhàsaich e ann an 1883. Thug na sgrìobh agus na rinn e buaidh mhòr air Fidel Castro agus Paulo Freire.
Dh'ainmicheadh an Oilthigh Leipzig air eadar 1953 agus 1990.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.