Edwin Morgan
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e bàrd is eadar-theangair Albannach a bha ann an Edwin George Morgan FRSE, OBE, (Glaschu, 27 an Giblean 1920–Glaschu 17 an Lùnasdal 2010)[1] is e ceangailte leis an Ath-Bheòthachadh Albannach. Tha e aithnichte mar aon de na bàird Albannach as cudthromaiche den fhicheadamh linn. 'S ann ann an 2004 a chaidh ainmeachadh mar a' chiad bhàrd nàiseanta na h-Alba: Am Prìomh-Bhàrd Albannach.[2]
Edwin Morgan | |||
---|---|---|---|
2004 - 2010 | |||
Beatha | |||
Breith | Glaschu, 27 dhen Ghiblean 1920 | ||
Dùthaich | Alba | ||
Bàs | Glaschu, 17 dhen Lùnastal 2010 | ||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (am fiabhras-clèibhe) | ||
Foghlam | |||
Foghlam |
Oilthigh Ghlaschu Stonelaw High School (en) | ||
Cànain | Beurla | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | cànanaiche, bàrd, eadar-theangair, sgrìobhadair, breithniche litreachais, neach-teagaisg oilthigh, sgrìobhadair ficsein shaidheansail agus visual poet (en) | ||
Fastaichean | Oilthigh Ghlaschu | ||
Duaisean a fhuaras | |||
Ballrachd |
Comann Rìoghail Dhùn Èideann Comann Rìoghail an Litreachais | ||
Gluasad | Ath-bheòthachadh na h-Alba | ||
Gnè ealain | bàrdachd | ||
Seirbheis san arm | |||
Meur an airm | Arm Bhreatainn | ||
Strì | An Dàrna Cogadh | ||
edwinmorgan.com |
Rugadh Morgan ann an Glaschu agus thogadh e anns An Ruadh-Ghleann. B' e clèirich a bha na phàrantan. Mar phàisde cha robh mòran leabhraichean san taigh, agus cha robh e ceangailte ri daoine litreachail idir na bu mhotha. Bha e aithnichte mar 'eòlaiche' aig an sgoil. Dhearbh e air a phàrantan airgead a thoirt don bhallrachd aige air iomadach buidheann litreachais ann an Glaschu. Thuirt e gum b' e 'taisbeanadh' dha The Faber Book of Modern Verse (1963), bliadhnaichean às dèidh sin.
Chaidh Morgan gu Oilthigh Ghlaschu ann an 1937. B' ann anns an Oilthigh a dh'ionnsaich e Fraingis is Ruisis, fhad 's a dh'fhèin-ionnsaich e Gearmailtis is Eadailtis cuideachd. Às dèidh briseadh foghlaim gus seirbhis a dhèanamh san dàrna Cogadh Mhòr mar ghearanaiche cogaiseach neo-choimhliche anns a' Bhuidheann-Airm Leigheach an Airm Rìoghail. Cheumnaich e ann an 1947 agus dh'obraich e mar òraidiche aig an aon Oilthigh gus an do leig e dheth obair ann an 1980.[3]
Dhealbh Morgan a ghnèitheachd, bhon chiad dol a-mach, ann an Nothing Not Giving Messages: Reflections on his Work and Life (1990) ann an agallamh le Crìsdean Mac 'Ille-Bhàin. Sgrìobh e iomadach dàn gaoil ainmeil; am measg Strawberries agus The Unspoken,[2] far nach robh gnè aig a rùn. B' e an adhbhar laghail don a' shin aig an àm, ach, cuideachd, amas choitcheannachd, mar a mhìnich e ann an agallamh le Marshall Mac an Fhùcadair. Aig fosgladh an Ionad LGDE (Leasbach, Gèidh, Dà-ghnèitheach agus Eadar-ghnèitheach) Ghlaschu ann an 1995, leugh e dàn a sgrìobh e gu sònraichte airson an tachartais, agus fhrithealaich e e mar thìodhlac.
B' ann ann an 2002 a chaidh ainmeachadh mar phàtran Our Story Scotland. Aig fosgladh na Pàrlamaid Albannaich ann an Dùn Èideann, air 9mh den Dàmhair 2004, leugh Liz Lochhead dàn a sgrìobh Morgan gu sònraichte airson an tachartais sin, cuideachd. Chaidh a h-ainmeachadh-se mar an neach-leantainn aige is Prìomh Bhàrd Albannach aig Deireadh-gheamraidh 2011.
A bheatha a' tighinn gu crìch, fhuair Morgan luchd-leughaidh ùr às dèidh co-obrachadh a dhèanamh leis a' chòmhlan-ciùil Albannach Idlewild air an clàradh The Remote Part. Aig deireadh an òrain mu dheireadh, In Remote Part / Scottish Fiction, leugh e an dàn Scottish Fiction a chaidh a sgrìobhadh gu sònraichte airson an òrain fhèin.
B' ann ann an 2007 a thug e dà dhàn dhan dhuanaire Ballads of the Book, agus chruthaich mòran bhàrd Albannach dàin a chaidh a thionndadh gu òrain le luchd-ciùil Albannach. B' e na h-òrain aig Morgan The Good Years agus The Weight of Years a thaisbeanaich Karine Polwart is Idlewild. Thug Séamus Ó hEighnigh, urram foirmeil dha, mar phàirt den chèilidh aige ann an 2005 agus Ó hEighnigh na phrìomh bhàrd Nobel.
Chaidh Morgan a chùram ann an taigh còmhnaidheil oir bha tinneas air. Dh'fhoillsich e cruinneachadh anns a Ghiblean 2010, leis an tiotal Dreams and Other Nightmares, mìosan ro a bhàs, gus comharrachadh a dhèanamh air ochdamh là-breith. Mus do chaochail e, b' e an marainniche mu dheireadh nan Seachdnar Mòr litreachail (am measg, Aodh MacDiarmaid, Robert Garioch, Tormod MacThaoidhg, Iain Mac a' Ghobhainn, Deòrsa Mac Iain Deòrsa is Somhairle MacGill-Eain).
B' ann air 17mh den Lùnasdal 2010 a chaidh Edwin Morgan às a rathad, leis a' ghreim mhòr. Bha e ochdad bliadhna dh'aois. Sgaoil Leabharlann Bàrdachd Albannaich am fios anns a' mhadainn.[4] Chaidh ùmhlachdan a thoirt le luchd-poileataigs mar Ailig Salmond is Iain Gray agus Carole Ann Ní Dhubhthaigh, Prìomh Bhàrd na Rìoghachd Aonaichte.
B' ann air 22mh den Dàmhair a mhìnich Ailig Salmond, anns an òraid aige aig a' Cho-labhairt a' Phartaidh Nàiseanta, gun do chuir Mòrgan £918,000 dhan Phartaidh mar ath-dhealbhachd.[5] An ath là chaidh fhoillseachadh gun cleachdadh an tìodhlac airson an iomairt chunntas-bheachd aig a' Phartaidh. Dh'fhàg Morgan £45,000 gu iomadach caraid, seann cho-obraichean agus buidhnean carthannais agus £1 millean son cruthachadh duais bliadhnail airson nam bàrd òga ann an Alba.
Chleachd Morgan diofar chruinneachaidhean is stoidhlichean, am measg duanagan is bàrdachd chruadhtain. Chaidh a dhuanaire fhoillseachadh ann an 1990. Cuideachd, dh'eadar-theangaich e bho iomadach cànan cèin, am measg Ruisis, Ungairis, Fraingis, Eadailtis, Laideann, Spàinntis, Portagailis, Gearmailtis agus Seann Bheurla (Beowulf).[6] Chaidh mòran aca a chruinneachadh ann an Rites of Passage: Selected Translations (1976). 'S e an tionndadh Beowulf aige am eadar-theangachadh coitcheann ann an Aimearaga.
Bha buaidh mhòr aig na bàrd beat Aimeireagach air Morgan, leis am beachdan is cainnt shimplidh is fosgailte mar chomharradh a chuid obrach. B' ann ann an 1968 a sgrìobh e dàn leis an tiotal Starlings In George Square. Leughadh an dàn mar bheachd air an t-seachdnadh aig a' phoball a thaobh iomlanachadh nan duine à thall thairis. Air an làimh eile, thuig feadhainn eile blas Bun-os-cionn Ruis agus gum b' ann an Stalin a bha Starlings.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.