From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile beag dùthchasail ann an ceann a deas na Stiùbhartachd, air iomall Dhùn Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Cille Fhinnein (Beurla/Beurla Ghallda: Kirkgunzeon). Tha e suidhichte aig 76m os cionn ìre na mara,[2] ann an Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), air an A711 eadar Beeswing agus Dail Bheithe, ri taobh an Uillt Chille Fhinnein.[3] Tha e 262km air falbh bho Obar Dheathain, 103km bho Ghlaschu, 24km bho Chille Chuithbeirt agus 114km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Cille Fhinnein. Tha eaglais[5] agus talla ann an Cille Fhinnein.[6] Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air turasachd, àiteachas agus coilltearachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann,[7] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann an Dail Bheithe.
Cille Fhinnein | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 54° 58′ 60″ Tuath 03° 46′ 00″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 319[1] (2011) |
Àireamh fòn | 01387 |
A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à cill agus an t-ainm Finnean anns a' Ghàidhlig tha an t-ainm[8] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Chille Chuithbeirt fhèin anns an 17mh Linn.[9] A dh'aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann às a' Chuimris Gunnin. 'S ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris ann an ceann a deas na h-Alba. Tha Kirkwynnin, a' chiad dreach an ainm a chaidh a chlàradh, a' toirt cuideam dhan a' chiad theòiridh.
Chaidh Cille Fhinnein a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1200 mar Kirkwynnin,[10] mar urra do Fhinnean à Maigh Bhile thall ann an Èirinn, a thug deagh oide do Chalum Cille agus a bha an lùib an abaid ann an Whithorn. Chaochail Finnean ann an 589.[11] Chaidh eaglais agus abaid a thogail an seo ach chaill an aba a chuid talmhainn ann an 1369, a chaidh a thoirt dhan teaghlach Herries.[12] Thogadh eaglais ùr ann an 1790. Bha an tùr Drumcoltran[13] agus Caisteal Corra air an togail anns an 16mh Linn. Chuir Màiri I, Ban-rìgh na h-Alba seachad oidhche sa chaisteal, an dèidh a' Bhlàir Langside.[14] A-rèir carragh-chuimhne san bhaile, fhuair deichnear à Cille Fhinnein bàs sa Chogadh Mhòr[15] agus fear eile san Dàrna Chogadh, a chaill a bheatha aig Arnhem.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.