Remove ads
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e foillsichear Gàidhlig a th' ann an CLÀR . Chaidh an companaidh a chur air bhog ann an 1996 gu saor-thoileach agus gu neo-eisimeileach. 'S ann mar sin a tha iad fhathast. Tha CLÀR stèidhichte an Inbhir Nis, Alba. 'S e am foillsichear a bh'ann airson Ùr-sgeul , pròiseact le cuideam air ficsean ùr [1]
Tha CLÀR a' cur cuideam làidir air leabhraichean agus foillsichidhean ann an Gàidhlig a-mhàin. 'S ann ainneamh a bhios iad a' foillseachadh ann am Beurla neo anns an dà chànan còmhla. A bharrachd air Ùr-sgeul, tha CLÀR a' foillseachadh sgeulachdan goirid agus nobhailean do dh'inbhich, leithid Air Cuan Dubh Drilseach bho'n sgrìobhadair Tim Armstrong[2] (a bha uaireigin ann am Mill a h-Uile Rud). Tha iad a' foillseachadh rosg eile bho ùghdaran leithid Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain, Màiri Nic a' Ghobhainn agus Dòmhnall Meek.[3] A-measg nan cruinnichidhean bàrdachd a chaidh fhoillseachadh le CLÀR, tha Beatha Ùr le Niall O'Gallagher, a nochd ann an 2013. Cha bhi CLÀR a' foillseachadh leabhraichean-cloinne.
Chaidh faisg air 80 leabhar Gàidhlig fhoillseachadh le CLÀR eadar 1996-2021, bho chòrr is 90 ùghdar eadar-dhealaichte (còrr is 60 boireannach), agus tha leabhar-fiosrachaidh Na Leabhraichean Gàidhlig - 25 Bliadhna ann a tha a' mineachadh mar a chaidh le foillsichidhean CLÀR thar nam bliadhnachan sin.[4] Bha Lisa Storey an luib CLÀR fad na 25 bliadhna, ach tha i a-nis air sgur aig CLÀR, is i os cionn Clò Phabaigh.[5]
Tha CLÀR air co-obrachadh a dhèanamh aig ìre eadar-nàiseanta, mar eisimpleir còmhla ris an sgrìobhadair Eireannach Ré Ó Laighléis, agus an leabhar aige Ecstasy agus sgeulachdan eile, a chaidh eadar-theangachadh gu Gàidhlig le Beathag Mhoireasdan. foillsichte le CLÀR ann an 2004. Bhuannaig Ecstasy agus sgeulachdan eile urram anns na Duaisean CBI Book of the Year Awards ('s e am Bisto Book of The Year Merit Award a b'abhaist a bhith orra), na Duaisean Litreachais European White Ravens, an Duais Litreachais NAMLLA (na Stàitean Aonaichte) agus Duaisean Oireachtas na Gaeilge.[6] Bho chionn ghoirid, chaidh Air Cuan Dubh Drilseach eadar-theangachadh gu Gàidhlig na h-Èireann le Eoin P. Ó Murchú agus fhoillseachadh le Leabhar Breac ann an 2020 fon titeal Tinte na Farraige Duibhe.
Tha moran sgrìobhadairean Gàidhlig air a bhith foillsichte le CLÀR, nam measg Meg Bateman, Aonghas Pàdraig Caimbeul, Alasdair Caimbeul (Alasdair a' Bhocsair), Tormod Caimbeul (Tormod a' Bhocsair) , Catrìona Lexy Chaimbeul, Alison Lang, Donnchadh MacGIllIosa, Màiri Anna NicDhòmhnaill. Màrtainn Mac an t-Saoir, Pàdraig MacAoidh, Tormod MacGill-Eain, Finlay MacLeod, Iain F. Macleòid, Norma NicLeòid, Des Scholes agus Roy Wentworth nach maireann.
Tha grunn leabhraichean foillsichte le CLÀR air duaisean fhaighinn, neo tha iad air a bhith air geàrr-liosta farpaisean-litreachais, leithid Duaisean Litreachais an Saltire Society. Ann an 2003, bhuannaig Ath-Aithne le Màrtainn Mac an t-Saoir, foillsichte le CLÀR/Ùr-sgeul, Duais an Saltire Society airson 'Ciad Leabhar na Bliadhna' [7] B' e Gormshuil an Rìgh le An Dr Fionnlagh MacLeòid a rinn an gnothach anns a' chiad bhliadhna de Duais Dhòmhnaill Meek, a chaidh a chumail aig Fèis Leabhraichean Dhùn Èideann ann an 2010. Ann an 2013, chaidh aig Màiri Dhall agus Sgeulachdan Eile le Donnchadh MacGillIosa, agus Air Cuan Dubh Drìlseach le Tim Armstrong, air àite fhaighinn air Geàrr-liosta Dhuaisean Comann Crann na h-Alba.[8] Bhuannaig Air Cuan Dubh Drìlseach an duais 'Ciad Leabhar na Bliadhna'.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.