Remove ads
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e sgoilear, sgrìobhadair agus craoladair a bh' anns an Dr Fionnlagh MacLeòid. The e aithnichte cuideachd leis an ainm Beurla, Dr Finlay MacLeod.
An Dr Fionnlagh MacLeòid | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Nis, |
Dùthaich | Alba |
Teaghlach | |
Cèile | Norma NicLeòid |
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh Obar Dheathain |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair, eadar-theangair, craoladair, òraidiche agus preasantair |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Rugadh agus thogadh e ann an Nis, Leòdhas.[1] Dh'fhàg e an sgoil aig aois 15 agus chaidh e gu muir agus dh'obraich e mar neach-smàlaidh ann an Lunnainn.[2] Fhuair e foghlam aig Oilthigh Obar Dheathain far an robh e na oileanach còmhla ri Dòmhnall Iain MacLeòid.[3] Bha e na òraidiche ann an eòlas-inntinn aig Oilthigh Obar Dheathain.[1][4] Bha e ag obair ann am foghlam mar 'primary adviser' anns na h-Eileanan an Iar.[4] Bha an Dr Fionnlagh MacLeòid am measg a' chiad urrasairean aig Sabhal Mòr Ostaig còmhla ri Sir Iain Noble, Somhairle MacGill-Eain, D.R. Dòmhnallach, agus Gòrdan Barr.[5] 'S ann airsan a chaidh a' chiad duais Dhòmhnaill Meek a bhuileachadh ann an 2010.[6] Bidh e ag obair mar phreasantair cuideachd, gu sònraichte anns an t-sreath 'Sin Thu Fhèin' air BBC Alba far am bi e a' còmhradh le iomadh duine ainmeil ann an saoghal nan Gaidheal. Bidh e cuideachd a' nochdadh gu tric air Radio nan Gaidheal mar aoidh, a' bruidhinn mu eachdraidh na h-Eileanan an Iar agus sgrìobhaidhean Gàidhlig. Chaochail e aig aois 86 5 an t-Samhain 2023.[2]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.