Ahmed I

From Wikipedia, the free encyclopedia

Ahmed I

B' e ceathramh Sultan deug Impireachd nan Otomanach a bh' ann an Ahmed I (tiotalan: Kayser-i Rûm - 'Cèasar an Roimhe', İki Kutsal Cami'nin Hizmetkârı - 'Neach-glèidhidh an dà mhosg' - Manisa 18 an Giblean 1590Istanbul 22 an Dàmhair 1617).[1] B' e a' chiad mhac Mhehmed III agus Handan Sultan, à Bosnia a bh' ann.[2] Bha e os cionn na dùthcha bho 1603 gus a chaochail e ann an 1616. Rugadh e nuair a bha a sheanair Murad III fhathast air an rìgh-chathair. Leis gun deach a chrùnadh nuair a bha e dìreach 13 a dh'aois, cha do chuireadh gu bàs a bhràthair airson an a chumail nan robh clann aig Ahmed I. Chuir sin crìoch air mort bràthar anns an teaghlach rìoghail nan Otomanach.[3] Bha an dùthaich ann an cogaidhean an aghaidh na h-Ostaire fo na Habsburg agus Iran gu ruige 1606. B' e cogadh gun toraidhean a bh' ann: bhuannaich na Otomanaich ann an Transsilvania ach chaill iad aig Urmia.[4] Cuideachd b' fheudar do dh' Ahmed I ar-a-mach a measg a chuid shaighdearan a chur sìos ann an Aisia Bheag. Chaochail e gu math òg, aig 23 bliadhna a dh' aois, leis an fhiabhras-bhallach.[5] Bha 12 mic aige, triùir dhuibh a bha nan sultain fhèin: Osman II, Murad IV agus Ibrahim.[6] A bharrachd air sin, bha deichnear nighean aige cuideachd. B' e Ahmed I a thog am Mosg Sultan Ahmet Camii.[7]

Quick Facts sultan Impireachd nan Otomanach, Beatha ...
Ahmed I
Thumb
sultan Impireachd nan Otomanach

1603 - 1617
Mehmed III - Mustafa I
Beatha
Breith Manisa (en) , 18 dhen Ghiblean 1590
Dùthaich Impireachd nan Otomanach
Àite-fuirich Lùchairt Topkapı
Bàs Istanbul, 22 dhen t-Samhain 1617
Àite-adhlacaidh Q55698720
Nàdar a’ bhàis  (am fiabhras-ballach)
Teaghlach
Athair Mehmed III
Màthair Handan Sultan
Cèile Mahfiruz Sultán (en)
Fatma Ferahşad Hatun (en)
Mahpeyker Kösem Sultan (en)
Càraid Mahpeyker Kösem Sultan (en)
Mahfiruz Sultán (en)
Fatma Ferahşad Hatun (en)
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine Rìgh-shliochd nan Otomanach
Foghlam
Cànain Turcais
Dreuchd
Dreuchd riaghladair, sgrìobhadair agus bàrd
Creideamh
Creideamh Ioslam Sunnitheach
Thumb
Close

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.