From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha anns a' Chananaich (Beurla: Fortrose)[1][2][3]. Tha am baile suidhichte air bruach Linne Mhoireibh air an Eilean Dubh eadar Abhach agus Ros Maircnidh. Tha e mu 10 km san àird an ear-thuath Inbhir Nis. Anns a' bhliadhna 2020 bha 1380 duine a' fuireach an seo.[4]
A' Chananaich | |
Àrd-eaglais anns a' Chananaich | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Siorrachd | Ros an Ear |
Co-chomharran | 57° 34′ 55″ T 4° 7′ 55″ I |
Comharradh-clèithe | NH 726 568 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01381 |
Còd-puist | IV10 |
Tha am baile ainmeil airson na h-àrd-eaglaise a chaidh a thogail anns an 13mh linn. Anns an 17mh linn rinn Oliver Cromwell sgrios mòr air an togalach, bhris e na clachan às na bailtean airson an dùin ann an Inbhir Nis a thogail. An-diugh tha na tobhtaichean fo chùram Alba Aosmhor. Tha meadhan a' bhaile, eadar Castle Street, St Andrew’s Walk agus High Street na raoin-ghlèidhteachais. Tha sin a' gabhail a' chalaidh cuideachd [5].
Anns na Meadhan-aoisean bha na h-easbaigean dhen t-Siorrachd Rois a' fuireach anns a' Chananaich. Canar gun do dh’fhuirich Coinneach Odhar an seo cuideachd.
Còmhla ri Ros Maircnidh tha raon-goilf aige.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.