Eaglais Chille Mhìcheil
From Wikipedia, the free encyclopedia
From Wikipedia, the free encyclopedia
Chaidh Eaglais Chille Mhìcheil a stèidheachadh anns na Meadhan Aoisean. 'S e eaglais pharaiste Chille Mhìcheil a bh' innte gu 1662, as dèidh sinn còmhla ri Cùl a Chùdainn, gus paraiste ùr Ruigh Solais a stèidheachadh. Bho 1767 dh'imrich an coitheanal dhan eaglais ùir ann an Ruigh Solais fhèin agus cha deach Cille Mhìcheil a chleachdadh ach mar àite-tìodhlacaidh no mar thrannsa-adhlacaidh, m.e. leis na teaghlaichean Seadhach-Mac Coinnich à Talla Neimheadh agus Mac an Rothaich às an Àrdach[1]. Tha pàirtean dhen eaglais meadhan-aoiseach ann fhathast, aig ceann an iar na h-eaglaise, agus leacan meadhan-aoiseach anns a’ chladh.
Tha Eaglais Chille Mhìcheil suidhichte faisg air Camas Uadail air an Eilean Dubh. Tha an eaglais clàraichte air liosta nan togalaichean clàraichte, roinn-seòrsa B[2].
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.