From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile mòr ann an ceann a deas na Spàinne a th’ ann Sevilla (IPA: seˈβiʎa, Arabais: شبيلية, Beurla: Seville, Fraingis: Séville, Portagailis: Sevilha, Eadailtis: Siviglia). ‘S ann às an Laideann Hispalis a th' ann an t-ainm agus tha e suidhichte aig dìreach 7m os cionn ìre na mara ri taobh na h-Aibhne Guadalquivir, 153km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na dùthcha agus 209km bho Mhálaga.[1] Tha am baile air an àirde an iar Andalusia agus ‘s e prìomh-bhaile na coimhearsnachd le fèin-riaghlaidh a th' ann. Tha 699,759 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile,[2] am baile as motha Andalusia agus an 4mh baile as motha na Spàinne. [3]
Sevilla
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Sevilla | ||||
Sgìre | Andalusia | ||||
Co-chomharran | 37° 22’ 59 Tuath 05° 59′ 47 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 140.8 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 699,759 (2008) | ||||
Dlùths | 4,969.88/km² | ||||
Àireamh fòn | + 00 954 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.sevilla.org |
Tha luchd-rannsachaidh uile dhen bheachd gur ann à Spal (Gàidhlig: àite làn) ann an Tartesianais a tha an t-ainm.[4] Chaidh sin atharrachadh gu Hispalis ann an Laideann fo na Ròmanaich agus an uair sin gu أشبيليّة (Ishbiliya) ann an Arabais air sàilleabh nach robh P anns a’ chànan aca: ‘S e Imala a tha air a’ phròiseas sin. 'S ann mar sin a thàinig am facal Sevilla dhuinn an ann Spàinntis an latha an-diugh.[5]
Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach tòiseachaidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936,[6] ged a bha an corr dhen roinne dealas dhan Phoblachd.
A rèir figearan an Riaghaltais, 's e an Lùnastal a' mhìos as teotha agus e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Sevilla.[7] Cha tuit ach 539mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 634mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm) - leis gur e àite tioram a th' annː
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.