From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e neach a tha ceadaichte ri deas-ghnathan crabhach a bhuineas do chreideamhan, gu h-àraidh mar eadar-mheadhanair eadar na daoine agus Dia,[1] a dhèanamh a th’ann an sagart neo ban-sagart (Laideann: Sacerdos).[2] Tha an comas aca ri deas-ghnathan a dhèanamh às leth chàch cuideachd; gu seach àraidh, ìobairtean agus so-rèite Dhe. ‘S e an t-Sagartachd a th’ann an t-ainm a tha air an dreuchd agus na daoine seo.Tha sagartan air a bhith ann bho chionn fhada agus chithear iad fhathast anns an Iùdhachd, Crìosdaidheachd, Shinto,[3] Hionduthachd[4] agus creideamhan eile. Mar as àbhaist thathar dhen bheachd gur e daoine ann am buntanas ri Dia a th’annta, is iad daonnan a’ toirt brìgh do thachartasan agus iad a’ deànamh nan deas-ghnathan. ‘S e ceannardan a chomhairlicheas na creidmhich taobh gnothaichean spioradail a th’ann na sagartan.[5] ‘S e dreuchd làn-ùine ann an iomadach creideamh a th’anns an Sagartachd ach ‘s e dìreach obair pàirt-ùine ann an cuid eile. Mar as àbhaist, bidh sagartan a' gabhail ri geamnachd.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.