![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/8/88/Miguel_Antonio_Caro_1.jpg/640px-Miguel_Antonio_Caro_1.jpg&w=640&q=50)
Miguel Antonio Caro Tovar
From Wikipedia, the free encyclopedia
B’ e Miguel Antonio José Zoilo Cayetano Andrés Avelino de las Mercedes Caro Tovar.[1][2] (Bogotá 10mh an t-Samhain 1843 – Bogotá 5mh an Lùnasdal de 1909) neach-aithris, ùghdar agus neach-poileataigs à Coloimbia.
Miguel Antonio Caro Tovar | |||
---|---|---|---|
![]() | |||
7 dhen Lùnastal 1892 - 7 dhen Lùnastal 1898 ← Rafael Núñez Moledo - Manuel Antonio Sanclemente → | |||
Beatha | |||
Breith | Bogotá, 11 dhen t-Samhain 1842 | ||
Dùthaich |
![]() | ||
Bàs | Bogotá, 5 dhen Lùnastal 1909 | ||
Àite-adhlacaidh |
Central Cemetery of Bogotá (en) ![]() | ||
Teaghlach | |||
Athair | José Eusebio Caro | ||
Clann | |||
Bràithrean ⁊ peathraichean | |||
Foghlam | |||
Cànain | Spàinntis | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | neach-poileataigs, bàrd, eadar-theangair, neach-naidheachd, tuathanach, sgrìobhadair agus neach-lagha | ||
Buaidh |
Juan Donoso Cortés (en) ![]() ![]() ![]() | ||
Ballrachd |
Academia Colombiana de la Lengua (en) ![]() | ||
Gluasad |
Traditionalism (en) ![]() Ultramontanism (en) ![]() | ||
Creideamh | |||
Pàrtaidh poileataigeach |
Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia National Party (Colombia) (en) ![]() |
‘S e an t-ùghdar José Eusebio Caro, fear stèidhich Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia a bh' ann athair, ach chaochail esan nuair a bha Miguel Antonio na bhalach òg. Le sin, cha b’ urrainn dhàsan a chuid fhoghlaim a choileanadh. Bha ùidh mhòr airsan air naidheachdas agus poileataigs bhon a leanabachd agus bho 1871, nuair a thoisich e taic a thoirt dha na beachdan a bu radaigiche agus a bu Chaitligiche a’ Phàrtaidh Tòraidh, b’ urrainn dha a bhith na líder de opinión tron a’ phàipear-naidheachd aige "El Tradicionista". A bharrachd air an obair aige mar neach-aithris poileataigeach, dh’fhàs e a bhith fear dhe na cànanaich a bu chliùitiche ann an Aimearaga Laideannach, is shaoil gu robh e aig an aon ìre na Andrés Bello agus Rufino José Cuervo.
An dèidh sin b’ e fear dhe na luchd-taic a bu chudromaiche aig Rafael Núñez agus pròiseact an Ath-bheòthachaidh aige rè na 1880an; mar sin, b’ urrainn dha a bith fear dhe na aislingiche a mhol a' Bhun-reachd 1886, is e a’ stiùireadh sgrìobhadh na bile sin mar bhall Comhairle nan Riochdairean, a chaidh a stèidheachadh airson sin a dhèanamh.
Chaidh e a thaghadh na leas Ceann-suidhe na Poblachd ann an 1892, an ceann ri chèile ris a’ Cheann-suidhe Núñez, a fhuair an dreuchd aige a-rithist, ach cha b’ urrainn dhàsan a ghabhail air a’ chumhachd air sàilleabh draghan na slàinte, is le sin thug Caro a làmh air a’ cheannas; chaochail Núñez an ceann dà bhliadhna agus bha an ceannas aig Caro gu ruige deireadh an teirm dhe sia bhliadhna aige ann an 1898. Gu neònach, a dh’aindeoin gu robh fear dhe na teirmean a b’ fhaide ann an eachdraidh Choloimbia aige, cha do chleachd e an tiotal dhe Ceann-suidhe, ach Leas Ceann-suidhe an urras ri cumhachd a’ chinneas, leis cho measail ‘s a bha e air an t-seann cheannard aige. ann an 1898 lorg e a chur an ceannard a bha mu ochdad bhliadhna a dh’aois Manuel Antonio Sanclemente ann an Ceannas na Dùthcha, agus am bodach litreach José Manuel Marroquín ann am Leas Ceannas, is e a’ feuchainn ris a’ bhuaidh phoileataigeach aige a chumail beò, ach dh’fhàilnich am plan nuair a chuir Marroquín, le taic bho fheadhainn dhe na Tòraidh, às a’ chathair Sanclemente ann an 1900.