From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e leabhar à Innis Tìle a chaidh a sgrìobhadh anns na meadhan aoisean 's a th’ann an Landnámabók (IPA: lantnaumaˌpouk, Gàidhlig:Leabhar Gabhail na Tìre). Air a ghiorrachadh daonan gu Landnáma, ‘s ann anns an leabhar seo a chithear mòran mun dòigh anns an tug na Lochlannaich seilbh air an dùthaich anns an 9mh linn agus an 10mh linn. Tha an Landnámabók a roinneadh ann an còig pàirtean fad còrr is 100 caibideil. Anns a’ chiad chaibideil leughar mu ciamar a lorgadh an t-eilean fhèin.[1]
Anns a' chiad chaibideil dhen Landnámabók tha e sgrìobhte gun duirt Bede, am manach agus seanachaidh, gu robh Innis Tìle sia latha fo sheòl gu tuath air Breatainn:[2]
"Í aldarfarsbók þeirri, er Beda prestur heilagur gerði, er getið eylands þess er Thile heitir og á bókum er sagt, að liggi sex dægra sigling í norður frá Bretlandi"
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.