From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e forsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) Innis Tìle a th' ann an Katrín Jakobsdóttir (IPA: ˈkʰaːtrin ˈjaːkʰɔpsˌtouʰtɪr̥, Gàidhlig: Catrìona Nic Iàcoib).[1] Rugadh i air 1 an Gearran 1976 ann an Reykjavík. Tha ise na ball Vinstrihreyfingin - grænt framboð (Gàidhlig: Gluasad Clì - Uaine), an dara fòrsa poileataigeach as motha san Alþingi, agus a tha san riaghaltas ann an co-bhann còmhla ri Sjálfstæðisflokkurinn agus Framsóknarflokkurinn. Fhuair i a cuid foghlaim aig Menntaskólinn við Sund agus Oilthigh Innis Tìle (Innis-Tìlis: Háskóli Íslands), a tha fo sgàil na stàite, agus aig Oilthigh Reykjavík (Innis-Tìlis: Háskólinn í Reykjavík), a tha san roinn phrìobhaideach. Tha i air a bhi na forsætisráðherra bho 2017. 'S i an dàrna thè a bhith na forsætisráðherra ann an eachdraidh na dùthcha an dèidh Jóhanna Sigurðardóttir.
Seo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineit fhad 's a tha Jakobsdóttir air a bhith os cionn an riaghaltais.[2] Tha iad a' buinntinn uile gu Framsóknarflokkurinn, Sjálfstæðisflokkurinn agus Vinstrihreyfingin - grænt framboð:
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.