From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e neach-iomairt nan aonaidhean-ciùird agus neach-poileataigs à Innis Tìle a th' ann an Jóhanna Sigurðardóttir (IPA: ˈjouːhana ˈsɪːɣʏrðarˌtouʰtɪr̥).[1] Rugadh i air 4 an Dàmhair 1942 ann an Reykjavík. Fhuair i a cuid foghlaim aig Sgoil Mhalairt Innise Tìle (Innis-Tìlis: Verzlunarskóli Íslands) agus chuir i seachd bliadhnaichean ag obair ann an Icelandic Airlines, far an robh i na Neach-frithealaidh itealain. B' ann os cionn aonaidhean-ciùird 's a bha i cuideachd.[2] Bha i na cathraiche Flugfreyjufélag Íslands (Gàidhlig: Aonadh Luchd-frithealaidh Itealain Innse Tìle) bho 1966 gu ruige 1969 agus bha i cuideachd os cionn Verslunarmannafélag (Gàidhlig: Aonadh Luchd-obrach Malairt) eadar 1976 agus 1978.
Aig an toiseach toisichidh bhuinneadh i gu Alþýðuflokkurinn ach sgarr iad ann an 1994 agus ghabh i ri Þjóðvaki – Hreyfing Fólksins.[3] Thàinig Alþýðuflokkurinn agus Þjóðvaki – Hreyfing Fólksins ri chèile a-rithist ann an Samfylkingin (Gàidhlig: Caidreachas ann an 2000. Bha Sigurðardóttir na ministear nan sochairean sòisealta dà thuras: eadar 1987 agus 1994 fo Þorsteinn Pálsson, Steingrímur Hermannsson agus Davíð Oddsson agus an uair sin eadar 2009 agus 2013 fo Geir Hilmar Haarde.[4] Bha ise na ball-pàrlamaid bho 1978 gu ruige 2013 agus na forsætisráðherra (Gaidhlig: Prìomh-mhinistear) bho 2009 gu ruige 2013. 'S i a' chiad tè ann an eachdraidh na dùthcha agus a' chiad neach LCDT a bhios na Forsætisráðherra a-riamh. Eadar 1963 agus 1971 b' e ball-pàrlamaid a bh' ann a h-athair, Sigurður Egill Ingimundarson, airson Alþýðuflokkurinn cuideachd.[5] Phòs Sigurðardóttir aig Þorvaldur Steinar Jóhannesson ann an 1970 agus fhuair iad dithis duine-cloinne ri chèile. Dhealaich iad ann an 1987 agus phòs i aig tè air a bheil Jónína Leósdóttir a tha na sgrìobhadair, ann an 2010.[6]
Seo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineit fhad 's a bha Sigurðardóttir os cionn an riaghaltais.[7] Bhuinneadh iad uile gu Samfylkingin agus Vinstrihreyfingin - grænt framboð:
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.