From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e Joris van der Haagen (Ainm slàn: Joris Abrahamsz van der Haagen, Arnhem neo Dordrecht, mu 1615–Den Haag, 23 an Cèitean 1669)[1] peantair ainmeil às Na Tìrean Ìsle.[2] Rugadh e anns Na Tìrean Ìsle ri linn Poblachd nan Seachd Roinnean Aonaichte, nuair a bha an dùthaich uabhasach beairteach. Bha na e speisealach anns na seallaidhean-tìre.
Joris van der Haagen | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Arnhem, 1615 |
Dùthaich | Poblachd nan Seachd Roinnean Aonaichte |
Bàs | Den Haag, 23 dhen Chèitean 1669 |
Teaghlach | |
Athair | Abraham van der Haagen |
Foghlam | |
Cànain | Duitsis |
Dreuchd | |
Dreuchd | peantair |
Obraichean comharraichte |
Panorama near Arnhem (en) Panorama near Arnhem with the Rhine Gate (en) Landscape with bathers (en) |
Ballrachd | Confrerie Pictura (en) |
Gnè ealain | dreachan-tìre |
B' e peantair a bh'ann athair, Abraham, agus dithis mhac aige, Cornelis agus Jacobus cuideachd. Tha e coltach gun d'fhuair a chuid treànaidh san ealain bho athair ann an Arnhem fhèin ach tha fios againn gu robh e ag obair mar pheantair ann an Den Haag ann an 1640, bliadhna an dèidh bàs athar, agus phòs e ri Magdalena Tijmensd De Heer (1620–1676) an siud.[3] Cho-obraich e le peantair eile, Dirck Wyntrack, a bha na speisealach ann an eun-uisge. Dhèanadh van der Haagen na seallaidhean-tìre agus tharraingeadh Wyntrack dealbhan nan eun 's a leithid.[4]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.