Remove ads
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile mòr agus port air an àirde an ear-dheas nan Tìrean Ìsle a th’ ann an Den Haag neo 's-Gravenhage (IPA: dɛnˈɦaːx/sxraːvə(n)ˌɦaːɣə Portagailis: Haia,Laideann/Pòlais/Romàinis: Haga, Spàinntis: La Haya, Fraingis: La Haye). Tha e suidhichte aig 4m os cionn ìre na mara,[1] anns an roinn Zuid-Holland (An Òlaind a Deas). Tha am baile 21km air falbh bho Rotterdam, 53km bho Amsterdam (Prìomh-bhaile na dùthcha), 56km bho Utrecht agus 199km bho Ghroningen.[2] Tha 504,260 duine a' fuireach anns a’ bhaile fhèin, leis gur e an treas baile as motha san dùthaich, [3][4] ach tha mu 1,088,508 anns an sgìre air fad.[5] Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1242 mar Die Haghe (A' Choille). Dh'atharrachadh an t-ainm gu Des Graven Hage (Coille an Iarla) san 15mh linn. Canar 'Den Haag' ach sgrìobhar ' 's-Gravenhage', gu h-oifigeil.[6] Tha banrìghinn na dùthcha a' fuireach an seo. Chaidh Cornelius agus Johan de Witt a chur gu bàs an seo le gràisg fheargach fhiadhaich ann an 1672, ri linn Bliadhna na Dosgainne.[7]
Den Haag 's-Gravenhage
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Na Tìrean Ìsle | ||||
Sgìre | Zuid-Holland (An Òlaind a Deas) | ||||
Co-chomharran | 52° 05 00' Tuath 04° 19 00′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 82.66 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 504,260 (2012) | ||||
Dlùths | 6,100.41/km² | ||||
Àireamh fòn | +31 (0)70 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.