From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e neach-lagha, neach-teagaisg agus neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann an Einar Arnórsson.[1] Rugadh e air 24 an Gearran 1880 ann am Mosfellsbær. Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík, Oilthigh Copenhagen agus Oilthigh Innis Tìle. Bha e na thìdsear sgoile agus na thìdsear oilthigh agus rinn e dotaireachd nuair a bha e 56 bliadhna a dh'aois.[2] B' e reachdair Oilthigh Innis Tìle a bh' ann cuideachd. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1914. Bha e na mhinistear an fhoghlaim fo Björn Þórðarson bho 1942 gu ruige 1944[3] agus na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) bho 1915 gu ruige 1917 às leth Sjálfstæðisflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd). Phòs e aig Sigríður Þorláksdóttir ann an 1907 agus fhuair iad sianar duine cloinne còmhla. Dheasaicheadh e iomadh pàipear-naidheachd: Fjallkonan (1907), Ísafold (1919 – 1920), Morgunblaðið (1919 – 1920), Skírnir (1930), Blanda (1936 – 1939), Saga (1950 – 1954) agus Tímarit lögfræðinga (1951 – 1953). Phòs a nighean Ingibjörg aig Halldór Laxness, a bhuannaich an Duais Nobel ann an Litreachas. Eadar 1935 agus 1955 bha e na chathraiche Sögufélag (Gàidhlig: Comman Eachdraidh Innise Tìle).[4] Chaochail Arnórsson ann an Reykjavík air 29 am Màrt 1955.[5]
Einar Arnórsson | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
4 dhen Chèitean 1915 - 4 dhen Fhaoilleach 1917 ← Sigurður Eggerz - Jón Magnússon →
16 dhen Dùbhlachd 1942 - 21 dhen t-Sultain 1944 ← Jakob Möller - Björn Þórðarson →
16 dhen Dùbhlachd 1942 - 21 dhen t-Sultain 1944 - Björn Þórðarson → | |||||||
Beatha | |||||||
Breith | 24 dhen Ghearran 1880 | ||||||
Dùthaich | Innis Tìle | ||||||
Bàs | 29 dhen Mhàrt 1955 | ||||||
Foghlam | |||||||
Foghlam | Oilthigh Copenhagen | ||||||
Cànain | Innis Tìlis | ||||||
Dreuchd | |||||||
Dreuchd | neach-poileataigs, britheamh, neach-teagaisg oilthigh agus neach-lagha | ||||||
Fastaichean | Oilthigh Innis Tìle | ||||||
Creideamh | |||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Sjálfstæðisflokkurinn (eachdraidheil) |
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.