Dùghlas Ross
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann an Dùghlas Ross [1] BP (Beurla: Douglas Ross).
Thaghadh e mar bhall-liosta airson na Gàidhealtachd agus nan Eilean anns an taghadh Albannach 2016. An dèidh don taghadh chaidh e na neach-labhairt airson a' bhuidhinn Tòraidheach air ceartais.[2] Chaidh e a thaghadh cuideachd mar BhP airson Moireabh ann an 2017[3] agus leig e dheth a sheat aig Taigh an Ròid.[4] Tha e na bhall dhen Phàrtaidh Tòraidheach na h-Alba. Chaidh e na fho-mhinistear airson Alba ann an 2019 ach dh'fhàg e an riaghaltas an dèidh do chonnspaid mu Dhominic Cummings an taigh aige fhàgail is a shiubhail gu Durham bho Lunnainn nuair a bha buill dhen teaghlach tinn le COVID-19.[5]
Lean Dùghlas Ross mar cheannard a' phàrtaidh Jackson Carlaw ged nach robh seat aig Taigh an Ròid aige. Cha robh tagraichean eile ann. Ghabhadh Ruth Davidson an àite aige airson deasbadan is ceistean aig Taigh an Ròid.[6] Thuirt e gun leigeadh e a dhreuchd mar cheannard a' phàrtaidh an dèidh do thaghadh coitcheann 2024 anns an Ògmhios 2024.[7]
Tha e ag obair cuideachd mar rèitire bhall-coise ann an geamannan eadar-nàiseanta.[8]