Moireibh (sgìre Phàrlamaid Westminster)
sgìre Phàrlamaid Westminster / From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e sgìre Phàrlamaid Westminster a tha ann am Moireibh (Beurla: Moray).
Quick Facts Dùthaich, Pàrlamaid ...
Moireibh | |
---|---|
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Westminster |
A' chiad taghadh | 1983 |
An taghadh mu dheireadh | 2019 |
Close
Chaidh a cruthachadh ann an 1983 o phàirtean on sgìre Mhoireibh agus Inbhir Narann agus an sgìre Banbh. Bu ionann crìochan na sgìre seo agus crìochan a' Chomhairle Mhoireibh.[1] Bha i ann an crìch ri Gòrdan, Siorrachd Bhanbh agus Bùchainn, Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bàideanach agus Srath Spè agus Siorrachd Obar Dheathain an Iar agus Ceann Chàrdainn.
Chaidh mòr-chuid na sgìre san sgìre ùr Moireibh an Iar, Inbhir Narann agus Srath Spè agus pìos beag ann an taobh an ear ann an Siorrachd Obar Dheathain a Tuath agus Moireibh an Ear airson Taghadh Phàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte 2024.[2]