From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e eadar-theangaiche, bàrd, neach-poileataigs is àrd-ollamh Albannach a bh' ann an Douglas Young (5 an t-Ògmhios 1913, Port na Creige-23 an Dàmhair 1973). Chaidh e do dh'Oilthigh Chill Rìmhinn is do dh'Oilthigh Oxford.
Douglas Young | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Port na Creige, 5 dhen Ògmhios 1913 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Chapel Hill (en) , 23 dhen Dàmhair 1973 |
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Chill Rìmhinn A' Cholaiste Ùr, Oxford |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | cànanaiche, eadar-theangair, bàrd, neach-teagaisg oilthigh, eòlaiche-chànan clasaigeach, sgoilear clasaigeach agus neach-poileataigs |
Fastaichean |
Oilthigh Carolina a Tuath aig Chapel Hill Oilthigh Dhùn Dè Oilthigh Obar Dheathain Oilthigh Chill Rìmhinn |
Gluasad | Ath-bheòthachadh na h-Alba |
Creideamh | |
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba |
Bha Young na sgoilear clasaigeach, is bha e gu sònraichte eòlach air Greugais. Bha e na òraidiche ann an Greugais an Oilthigh Chill Rìmhinn. Ann an 1960s, bha e a' teagaisg cuspairean clasaigeach (cultar, cànain is eachdraidh nan Seann Ghreug is Seann Ròimh) anns na Stàitean Aonaichte.[1]
Dh'eadar-theangaich e gu Beurla Ghallda bho iomadh cànan: mar eisimpleir an dealbh-chluich Na Losgannan le Aristophanes (The Puddocks, 1957) neo an dàn "Le Cimetière Marin" le Paul Valéry (The Kirkyaird by the Sea). Ged nach do nochd iad ann an clò còmhla ri Dàin do Eimhir ann an 1943, bha Young ag eadar-theangachadh bàrdachd Shomhairle MhicGill-Eain gu Beurla Ghallda cuideachd.
Bha Young air leth cudromach a thaobh Dàin do Eimhir, a' chiad leabhar le Somhairle MacGill-Eain na h-aonar. Sgrìobh MacGill-Eain iomadh litir gu Young, is bha Young a' deasachadh an leabhair nuair a bha MacGill-Eain a' sabaid anns an Dàrna Chogadh ann an Afraga a Tuath. Mar a sgrìobh Crìsdean Whyte, ghlèidh Young na dàin a bha MacGill-Eain fhèin ag iarraidh dìtheachadh.[2]
Bha Young 'n sàs ann am poileataigs. Ann an 1938, ghabh e ann am Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba. Roghnaich e a dhol dhan phrìosan ann an 1942, an àite a ghabhail pàirt anns an Arm aig àm an Dàrna Chogaidh.[1]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.