Remove ads
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e bàrd Albannach, sgrìobhadair nobhailean, eadar-theangair agus neach-sgrùdaidh litreachail a th' ann an Crìsdean Whyte (Beurla: Christopher Whyte).
Crìsdean Whyte | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Glaschu, 1952 |
Dùthaich | Alba |
Àite-fuirich | Budapest |
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Chambridge Colaiste Naomh Aloysius |
Cànain |
Eadailtis Gàidhlig Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | cànanaiche, eadar-theangair, breithniche litreachais, sgrìobhadair agus bàrd |
Fastaichean | Oilthigh Ghlaschu (1990 - 2005) |
Gnè ealain | bàrdachd |
aboutchristopherwhyte.com |
Rugadh Crìsdean Whyte ann an 1952 ann an Glaschu, agus rinn e ceum aig Colaiste Naoimh Aloysius, agus as dèidh sin, aig Oilthigh Chambridge. Fad iomadh bhliadhna, dh'fhuirich e anns an Eadailt far an robh e a' teagasg aig Oilthigh an Roimh.[1] Thill e do dh'Alba ann an 1985 gus Litreachas na h-Alba a theagaisg aig Oilthigh Ghlaschu (1990 gu 2005.) Bhon àm sin, tha e air fuireach ann am Budapest, is ag obair mar sgrìobhadair làn-thìde.
An toiseach, dh'fhoillsich Crìsdean eadar-theangaichean bhàrdachd ùir don Ghàidhlig, a' gabhail a-steach bàrdachd le Pier Paolo Pasolini (ciad foillseachadh ann an 1990), Konstantinos Kavafis, Yannis Ritsos neo Anna Akhmatova. Às dèidh sin, dh'fhoillsich e trì cruinneachaidhean de bhàrdachd aige fhèin sa Ghàidhlig: Uirsgeul (1991), An Tràth Duilich (2002) agus An Daolag Shìonach. Tha An Daolag Shìonach a' gabhail a-steach dàintean a sgrìobh e eadar 1987 agus 1999, nach deach a chruinneachadh thuige seo, còmhla ri dàintean ùra a sgrìobh e eadar 2004 agus 2007. Aig an aon àm thòisich e rosg a sgrìobhadh anns a' Bheurla agus tha e air foillseachadh ceithir nobhailichean, Euphemia MacFarrigle and the Laughing Virgin (1995), The Warlock of Strathearn (1997), The Gay Decameron (1998) agus The Cloud Machinery (2000). Tha Crìsdean air cruinneachadh leabhraichean de Bhàrdachd ùir is air sgrìobhadh iomadh artaigilean sgrùdaidh is aistidhean.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.