![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/7/7b/Dundrennan_Abbey_2012_%25281%2529.jpg/640px-Dundrennan_Abbey_2012_%25281%2529.jpg&w=640&q=50)
Dùn Droighnein
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile beag dùthchasail air iomall Chille Chuithbeirt, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Dùn Droighnein. Tha e suidhichte aig 114m os cionn ìre na mara,[1] ann an cridhe na roinne Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), faisg air Achadh nan Càrn, air an Rubha Dhùin Droighnein, ri taobh Allt na h-Abaide. Tha e 38km air falbh bho Dhùn Phrìs, 115km bho Glaschu, 70km bhon An t-Sròn Reamhar agus 135km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha dìreach 202 duine a’ fuireach anns a’ bhaile[3] agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Cille Chuithbeirt, ged an robh Gàidhlig fhathast beò ro 1700.[4] Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd.
Dùn Droighnein | |
![]() | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 54° 49' 37" Tuath 3° 57' 42" Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 202 (2011) |
Àireamh fòn | 01557 |
Duilleag oifigeil | [] |