![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/b/b3/Ferry_at_cairnryan.jpg/640px-Ferry_at_cairnryan.jpg&w=640&q=50)
Càrn Rìoghain
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile beag dùthchasail agus port gu math cudromach[3] faisg air An t-Sròn Reamhar, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Machair an Sgithich[4] neo Càrn Rìoghain[5] (Beurla/Beurla Ghallta: Cairnryan). Tha e suidhichte eadar ìre na mara fhèin shìos aig a' chidhe agus 34m os cionn ìre na mara shuas air a' bheinn,[6] ri taobh Loch Rìoghain, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975). Tha e 303 km air falbh bho Obar Dheathain, 110 km bho Ghlaschu, 91 km bho Dhùn Phrìs agus 159 km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[7] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh anns An t-Sròin Reamhair. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd, gu h-àraidh na bàtaichean. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol dhan bun-sgoil[8] agus dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhair.[9]
Càrn Rìoghain | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Bhaile na h-Ùige |
Parraist | Innis[1] |
Co-chomharran | 54° 58′ Tuath 05° 01′ Iar |
Comharradh-clèithe | NX063686 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 102 (2011) |
Àireamh fòn | 01988 |
Còd-puist | DG9[2] |