![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/f/f4/Elettaria_cardamomum_-_K%25C3%25B6hler%25E2%2580%2593s_Medizinal-Pflanzen-057.jpg/640px-Elettaria_cardamomum_-_K%25C3%25B6hler%25E2%2580%2593s_Medizinal-Pflanzen-057.jpg&w=640&q=50)
Càrdamon
From Wikipedia, the free encyclopedia
Canar Càrdamon ri cuid de na lusan de na gèineasan Elettaria agus Amomum. Tha iad anns an teaghlach Zingiberaceae, far a bheil dinnsear is curcuma ann cuideachd.
Cardamom | |
![]() | |
Càrdamom (Elettaria cardamomum) | |
Rangachadh saidheansail | |
Rìoghachd | Plantae |
Fìleam | Angiosperms |
Clas | Monocots |
Òrdugh | Zingiberales |
Teaghlach | Zingiberaceae |
Gèineas | Amomum Elettaria |
Cleachdar càrdamon mar spìosradh ann am biadh is deoch, gu h-àraidh ann am biadh Àisianach is Arabach. Tha e na phàirt den "Masala", spìosradh cudromach do bhiadh Innseanach. Anns an Roinn Eòrpa bidh na bèicearan ga chur ri Lebkuchen agus Spekulatius.
Thàinig an t-ainm cardamom bhon fhacal Laideann "cardamomum",[1] a thàinig bho Ghreugais "καρδάμωμον" (kardamomon).[2]