![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/2/2e/Curcuma_longa_-_K%25C3%25B6hler%25E2%2580%2593s_Medizinal-Pflanzen-199.jpg/640px-Curcuma_longa_-_K%25C3%25B6hler%25E2%2580%2593s_Medizinal-Pflanzen-199.jpg&w=640&q=50)
Curcuma
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e freumh den lus Zingiber officinale a tha ann an curcuma (Laideann: Curcuma longa) [2]. Tha e anns an teaghlach Zingiberaceae, far a bheil càrdamon agus dinnsear cuideachd. Tha curcuma a' tighinn à Àisia a Deas. Tha dith air na lusan blàth eadar 20 °C is 30 °C fhaighinn agus mòran uisge airson fàs. Cruinnichear na freumhan gach bliadhna, gan gaoil airson cuid uairean a thìde agus an uair sin gan tiormachadh ann an àmhainn teth. Meilear iad gu pùdar a chleachdar mar spìosradh. Tha curcuma gu math cumanta ann am biadh Àisianach. Cleachdar e airson dath buidhe a chur ri aodach is pàipear agus ann an leighis Ayurveda cuideachd. Anns na Meadhan-Aoisean chanadh "cròch Innseanach" ris cuideachd, air sgàth 's gun deach a chleachdadh an àite cròch a bha fada nas daoire.[3]
Curcuma | |
![]() | |
Curcuma longa | |
Rangachadh saidheansail | |
Rìoghachd | Plantae |
Fìleam | Magnoliophyta |
Os-chlas | Zingiberidae |
Clas | liliopsidae |
Òrdugh | Zingiberales |
Teaghlach | Zingiberaceae |
Gèineas | Curcuma |
Spèiseas | C. longa |
Ainm saidheansail | |
---|---|
Curcuma longa Linnaeus[1] | |