Contae Uíbh Fhailí
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae Uíbh Fhailí[1] (Laideann: Comitatus Offaliensis). Tha e suidhichte ann an teas-mheadhan na dùthcha, ann an Còigeamh Laighean. Tha 76,687 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 1,998km²,[2] an 18mh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 22mh a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae Uíbh Fhailí le Cill Dara, Gaillimh, Iarmhí, Laois, An Mhí, Ros Comáin, Tiobraid Árann.[3] Bha 176,857 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[4] 'S e Ard Èireann (527m) a th'ann a' beinn as àirde na siorramachd.[5]
Contae Uíbh Fhailí | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Èirinn |
Còigeamh | Còigeamh Laighean |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 1,998 km² |
Àireamh-shluaigh | 76,687 () |
Dlùths | 38.38/km² |
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |