Contae na Mí
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Contae na Mí[1] (tuiseal ainmneach: An Mhí,[2] Laideann: Comitatus Midiensis). Tha e suidhichte ann an àirde an ear na dùthcha, ann an Còigeamh Laighean. Tha 184,135 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 2,336km²,[3] an 14mh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 12mh a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae na Mí le Muineachán, Lú, Iarmhí, Átha Cliath, Cill Dara agus An Cabhán.[4] Bha 183,828 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Sliabh na Caillí (279m) a th'ann a' beinn as àirde na siorramachd.[6] Chaidh Contae na Mí a chruthachadh ann an 1297.[7]
Contae na Mí | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Èirinn |
Còigeamh | Còigeamh Laighean |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 2,336 km² |
Àireamh-shluaigh | 184,135 () |
Dlùths | 78.82/km² |
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |