From Wikipedia, the free encyclopedia
B’ e Co-fhlaitheas na Pòlainn – Liotuàinia (Pòlais: Rzeczpospolita Korony Polskiej i Wielkiego Księstwa Litewskiego, Liotuànais: Lenkijos-Lietuvos valstybė) no Co-fhlaitheas na Dà Chuid Nàisean (Pòlais: Rzeczpospolita Obojga Narodów, Liotuànais: Abiejų tautų respublika) no, gu oifigeil, Rìoghachd a' Phòlainn agus Diùcachd Mhòr Liotuàinia (Pòlais: Królestwo Polskie i Wielkie Księstwo Litewskie, Liotuànais: Lenkijos karalystė ir Lietuvos didžioji kunigaikštystė) stàit air an àirde an ear na Roinn Eòrpa a mhair bho 1569 gu ruige 1795 is e ga stiùireadh eadar A' Phòlainn agus Liotuàinia. Chaidh an stàit seo a sgaradh eadar An Ostair, An Ruis agus A’ Phrùis mean air mhean tron 18mh Linn gus an deach e à bhith.
Co-fhlaitheas na Pòlainn – Liotuàinia | ||||||||
| ||||||||
Mapa | ||||||||
Fiosrachadh | ||||||||
Bliadhna Tòiseachaidh | 1569 | |||||||
Bliadhna mu Dheireadh | 1795 | |||||||
Prìomh-Bhaile | Kraków Warsaw | |||||||
Càna(i)n Oifigeil | Pòlais/Liotuànais |
'S e stàit mhòr air a sgaoileadh tro na tìrean a bha fo bhuaidh na Pòlainn is Liotuàinia roimhe, air a stèidheachadh air aonaidhean is còrdaidhean eatorra a bh' ann an Co-fhlaitheas, gu h-àraidh an dèidh an Aonaidh Krew (1386).[1] Bha siostam poilitigeach anabarrach ann, air an robh Deamocrasaidh nan Uachdaran neo Saorsa an Òir, far an robh cumhachdan an rìgh fo bhuaidh na Sejm (Gàidhlig: Pàrlamaid) agus nan Uachdaran.[2] ‘S e roi-ruithear a’ dheamocrasaidh, na monarcachd bhun-reachdail agus na feadaraileachd a th' ann an latha an-diugh a bh' ann an siostam siud. A bharrachd air sin, chaidh Bun-Reachd nàiseanta a chur air chois mus do deach an Co-fhlaitheas à bhith (1505), is e an dàrna fear as aosda ann an eachdraidh na cruinne a bh’ann.[3] Gu foirmeil, bha an dà stàit co-ionnan ach 's e leis A’ Phòlainn a bha làmh an uachdair.[4] Bha àite uabhasach làidir aig an Eaglais Chaitligeach anns a’ Phoblachd, ged an robh an dùthaich gu math ceadach taobh chreideamhan, rud a dh’atharrachadh mean air mhean tro na linntean.[5] 'S e àiteachas a bha aig cridhe an eaconomaidh. Bha an stàit gu math soirbheachail airson an dà nàisean aig an toiseach, tron aois an òir mar a chanadh e, ach bha an dàrna linn beagan na bu chruaidh dhuibh: call armailteach, ar-a-mach nan croitear, buaireas poilitigeach. Tha e inntinneach gur robh an t-ainm ann am Pòlais a’ ciallachadh Poblachd Crùn na Pòlainn agus na Diùcachd Mòire Liotuàinia,[6] leis gur e A’ Phòlainn a bha a’ stiùireadh na stàite. Tha an t-ainm anns an Liotuanais a’ ciallachadh dìreach Poblachd na Dà Nàisein.[7] Chuireadh às do thràilleachd an seo ann an 1588.[8]
Bha freumhan na Diùcachd Mòire Warsaw, air a stèidheachadh ann an 1807,[9] anns a’ Cho-fhlaitheas, a thuilleadh air gluasadan ath-bheothachaidh eile a nochd ri linn ar-a-mach an Fhaoilleach (1863 – 1864)[10] agus anns an 1920an, is fiù 's an iomairt neo-tharbhach a rinn Józef Piłsudski gus stàit fheadarail a chruthachadh, fo stiùireadh na Pòlainn, air am biodh Międzymorze ("eadar na cuantan"), le Liotuàinia agus An Ucràin na bhroinn. ‘S e Poblachd na Pòlainn nar làithean fhèin a th' ann stàit-leantainneach a’ Cho-fhlaitheis.[11] Dhiùltadh Poblachd Liotuàinia ron Dàrna Cogadh ceangail sam bith leis, air sgath 's nach d’fhuair iad buannachdan, gu h-eachdraidheil, bhon stàit. Mhair an stàit gu ruige Treas Roinneadh na Pòlainn ann an 1795.[12] A bharrachd air an fhearann far a bheil A’ Phòlainn agus Liotuàinia an latha an-diugh, bha A' Bhealaruis, sgìrean mòra na h-Ucràin, Livonia (An Laitbhe an latha an-diugh) agus sgìre Smolensk san Ruis a-staigh na stàite siud cuideachd.[13] Mar as àbhaist thathar a’ cumail suas gur e A’ Phòlainn a th' ann stàit-oighre A’ Cho-fhlaitheis, is anns a’ bhitheantas cha bhi Lituània dhen bheachd idir gur e aimsir mhath tharbhach dhuibh, is iad ag ràdh gur e fiù 's làmhachas làidir an àite co-obrachadh co-ionnan a bh' ann an Aonadh siud.[14]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.