From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e an dùthaich as motha san t-saoghal a tha san Ruis [1][2][3][4][5] neo Ruisia [6] (Beurla Russia ("Ruisia"); Ruiseis: Росси́я, eadar-litreachadh: Rossiya neo Rossija). 'S e "An Caidreachas Ruiseanach" gu h-oifigeil (Ruiseis: Росси́йская Федера́ция, eadar-litreachadh Rossiyskaya Federatsiya no Rossijskaja Federacija). 'S e Ruisis an cànan oifigeil, a bhruidhneas san dùthaich air fad. Cleachdar an Aibidil Cirilleach. Ach tha 27 cànanan oifigeil eile ann, tha sin a' crochadh air an roinn far a bheilear.
Pàirt de | Post-Soviet states, European Union tax haven blacklist, Eastern Europe |
---|---|
Cur air cois | 25 dhen Dùbhlachd 1991 |
Ainm oifigeil | Российская Федерация |
Ainm dùthchasach | Россия, Российская Федерация |
Ainm goirid | 🇷🇺, Россия, Росія |
Tar-sgrìobhadh IPA | rɐˈsʲijə |
Cànan oifigeil | Ruisis |
Laoidh | State Anthem of the Russian Federation |
Culture | culture of Russia |
Motto | Reveal your own Russia, Datgelwch eich Rwsia eich hun, Revela la teva pròpia Rússia |
Mòr-roinn | An Roinn-Eòrpa |
Dùthaich | An Ruis |
Prìomh-bhaile | Moscobha |
Roinn-tìde | UTC+02:00 |
Suidheachadh cruinn-eòlais | Eoràisia |
Domhan-leud is -fhad | |
Coordinates of easternmost point | |
Coordinates of northernmost point | |
Coordinates of southernmost point | |
Coordinates of westernmost point | |
Puing as àirde | Mount Elbrus |
Lowest point | Muir Caspach |
Basic form of government | super-presidential republic |
Oifis aig ceann-stàite | Ceann-suidhe na Ruise |
Ceannard na stàite | Vladimir Putin |
Oifis aig ceann an riaghaltais | Prìomh-mhinistear na Ruise |
Ceannard an riaghaltais | Mikhail Mishustin |
Executive body | Government of Russia |
Legislative body | Federal Assembly of the Russian Federation |
Highest judicial authority | Constitutional Court of Russia, Supreme Court of Russia |
Central bank | Central Bank of Russia |
Currency | Russian ruble |
Driving side | right |
Electrical plug type | Schuko, Europlug |
Na bha roimhe | Poblachd Shòisealach Fheadarail Shobhiatach na Ruise |
Na bh’ann roimhe | Poblachd Shòisealach Fheadarail Shobhiatach na Ruise, An t-Aonadh Sobhiatach |
Cuspair eòlais | Russian studies |
Làrach-lìn | http://gov.ru/ |
Hashtag | russia, Russland, Россия |
Top-level Internet domain | .ru, .рф, .рус, .su |
Main regulatory text | Constitution of Russia |
Bratach | flag of Russia |
Gearradh-arm | coat of arms of Russia |
Geography of topic | geography of Russia |
Feart | not-free country |
History of topic | history of Russia |
List of monuments | Russian cultural heritage register |
Official religion | non-denominational |
Patron saint | Anndra Abstol |
Separated from | An t-Aonadh Sobhiatach |
Railway traffic side | right |
Open data portal | Open Data Portal Russia |
Economy of topic | economy of Russia |
Demographics of topic | demographics of Russia |
Official observer status in organisation | CERN, Organisation of Islamic Cooperation |
Gregorian calendar start date | 14 dhen Ghearran 1918 |
Mobile country code | 250 |
Country calling code | +7 |
Trunk prefix | 8 |
GS1 country code | 460-469 |
Licence plate code | RUS |
Maritime identification digits | 273 |
Caractar Unicode | 🇷🇺 |
Category for honorary citizens of entity | Category:Honorary citizens from Russia |
Category for maps | Category:Maps of Russia |
A-rèir beul-aithris chaidh an Ruis a stèidhicheadh ann an Kyiv leis na Lochlannaich anns an 9mh linn. Dh'fhàs an Ruis Crìostail anns an 10mh linn.
Lunn na Mongolaich, air an robh na Tartaraich, air an Ruis eadar 1237 is 1240. An dèidh sin, chaidh Mosgo am baile as cudromaiche le Ivan I na Ruise mar Phrionnsa Mòr. Fhuair Ivan III na Ruise buaidh air na Tartaraich aig Blàr na h-Ugra ann an 1480. Chaidh Ivan IV na Ruise na Ìmpire ann an 1547 is riaghlaich e le uabhas an dùthaich.
Riaghlaich na Romanovaich eadar 1613 nuair a chaidh Mìcheil Romanov a thaghadh mar Ìmpire is 1917. Stèidhich Peadar Mòr na Ruise Sankt Peterburg is ath-thogail e an eaglais, an t-seirbheis catharra, an t-arm is a' chabhlachd. Shabaidich an Ruis anns a' cho-bhanntachd an aghaidh Napoleon is na h-aonar an aghaidh Breatainne agus an Ìmpire Otomanach ann an Cogadh a' Chrimea, agus an aghaidh na Seapaine ann an 1904–1905. An dèidh sin bha rèabhlaid ann an 1905 is stèidhich Nikolai II pàrlamaid, an Duma, agus bun-reachd.
Bha an Ruis na pàirt dhen Aonadh Sobhiat eadar an rèabhlaid ann an 1917 anns an deach an stàit na phoblachd, agus 1991.[7]
Tha an cuid as motha na dùthcha na laighe ann an Àisia, ach tha pàirt ann, a tha ceangailte leis an Roinn-Eòrpa.
Bhuannaich an Ruis na ranntairean a chaidh nan Eastònia agus An Laitbhe bhon Suain ann an 1721. Eadar 1772 is 1814 cheannsaich an Ruis Crimea, an Ucràin, A' Chairtbheil, A' Bhealaruis is Moldàibhia, agus meadhan Àisia ann an 1864/1865.[7] Cheannaich na Stàitean Aonaichte Alasca ann an 1867.[8] Chaill an Ruis Eastònia, an Laithbhe is Liotuàinia anns an rèabhlaid is chaidh na ranntairean eile nam poblachdan mar phàirt dhen Aonadh Sobhiat.[7]
Tha mòran aibhnichean ann an Ruis. Tha lochan mòra ann cuideachd:
Seo liosta nam bailtean as motha na Ruise:[9]
Tha 83 roinnean no cuspairean feadarail anns an Ruis, no 85 a rèir na Ruise fhèin air sgàth 's gu bheil an Ruis a' cunntadh Crimea is Sevastopol.[10]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.