From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e an Chepman and Myllar Press a' chiad ghnìomhachas clò-bhualaidh a chuireadh air bhonn ann an Alba.[1]
Chuireadh air bhonn e ann an 1508 ann an Dùn Èideann le Walter Chepman agus Androw Myllar. Bha e cuideachd aithnichte mar The Southgait Press.
Chan eil mòran pìosan obrach on clò-bhualadair fhathast ann. À measg an fheadhainn a tha air fhàgail, tha naoi leabhran ris an canar "The Chepman and Myllar Prints"[2] agus teacs Laideann cràbhach ris an canar an Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain.[3]
Tha criomagan de dà fhoillseachadh eile ann: deasachadh de "The Actes and Deidis of the Illustre and Vallyeant Campioun Schir William Wallace" agus "The Buke of the Howlat".
'S e na Chepman and Myllar Prints naoi leabhran bho Chepman & Myllar air an chur còmhla san aon leabhar còmhla ri dà leabhran eile às an 16mh linn. Tha an leabhar seo a-nis ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.[2]
Anns an leabhar, gheibhear na teacsaichean a leanas. Tha iad sgrìobhte ann an Albais air neo Beurla.
An dà leabhran eile às an 16mh linn:
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.