From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e mòr-roinn nàdarra eadar àirde an ear na An Roinn Eòrpa agus àirde an iar Àisia a th' ann An Cabhcas. The e suidhichte eadar A' Mhuir Dhubh agus a' Mhuir Chaspach. Tha an Cabhcas air a shìneadh air feadh shia dhùthchannan: Airmeinia, Asarbaideàn, A' Chairtbheil, Ioràn, An Ruis agus An Tuirc.[1]
'S dòcha gur ann à Caucas, sinnsear miotasach daoine na sgìre, a tha an t-ainm. Air rèir beul-aithris, b' e mac Tofamah agus ogha Jafeth (mac Noah sa Bhìobaill) a bh' ann an Caucas.[2] Bha seachdnar mic aige: Kartlos, sinnsear nan Cairtbheileach; Haik, sinnsear nan Airmeiniach; Lekos, sinnsear nan Lezgineach; Heros à Hereti; Movakos; Kavkas; agus Egros (air neo Egrisi). Tha teòiridh eile ann, a chanas gun tàinig an t-ainm à Kaukasos, buachaille miotasach Greugach, air a mharbhadh le Cronos anns na beanntan air an ainmeachadh an a dhèidh. Ann am miotas-eòlas nan Greugach, b' e aon dhe na colbhan a bheireadh an saoghal a bh' ann an Kaukasos. Chanadh gu robh Prometeus air a phrìosanachadh le Zeus anns na beanntan seo. Chithear liosta mar a chanar an ainm ann an cànan eile, mar a leanas:[3]
Chuir Jarosław Dąbrowski seachad ceithir bliadhna bho 1855 gu ruige 1859 na oifigear san Arm is e a' sabaid ann an aghaidh nan Czerkess às leth an tsar. Fhuair e bonn leis cho gaisgeach 's a bha e.[4]
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.