From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile meadhanach a tha ann am Badajoz (IPA: baðaˈxoθ, Estremeñu: Baajós). Tha e suidhichte anns a' Cheàrn Extremadura ann an àirde an iar na Spàinne. 'S e prìomh-bhaile na Roinne Badajoz a th' anns a' bhaile fhèin. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 875.
Badajoz
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Extremadura | ||||
Co-chomharran | 38° 52' 59 Tuath 6° 58' 00 Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 1,470 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 148,334 (2009) | ||||
Dlùths | 100.91/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle Bhadajoz |
Tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur ann à ﺑﻂﻠﻴﻮﺱ (batalyaws) ann an Arabais a tha an t-ainm.[1] Bheireadh sin Áite Làidir no Daingneachadh dhuinn sa Ghàidhlig. A dh'aindeoin sin, tha teòiridh eile ann a chanas gur e dìreach an t-seann ainm Ròmanach Pax Augusta air arabachadh a th' ann am Badajoz le B air sàilleabh nach robh P anns a’ chànan aca: ‘S e Imala a tha air a’ phròiseas sin.[2]
Mar a b' àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[3]
A rèir figearan an Riaghaltais, 's e an Lùnastal a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann am Badajoz.[4] Cha thuit ach 447mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 726mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm)[5] - leis gur e àite gu math tioram a th' ann.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.