Alþýðuflokkurinn
From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e partaidh poileatagach à Innis Tìle a bha a' gabhail ri poilitigs deamocratach sòisealta a bh' ann an Alþýðuflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh nan Daoine).[1] Chaidh Alþýðuflokkurinn a stèidheachadh ann an Reykjavík ann an 1916 mar ghuth nan aonaidhean-ciùird.[2] Cha d' fhuair e a' chiad þingmaður (Gàidhlig: ball-pàrlamaid) aige ach ann an 1920, nuair a chaidh Jón Baldvinsson a thaghadh. Thoisich Alþýðuflokkurinn ri fhàs an dèidh 1934, nuair a ghabh Innis Tìle ri riochdachadh co-rèireach. Bha triùir Forsætisráðherra (Gàidhlig: prìomh-mhinistear) aca: Stefán Jóhann Stefánsson (1947 - 1949), Guðmundur Emil Jónsson (1958 - 1959) agus Benedikt Sigurðsson Gröndal (1979 - 1980). Bha Alþýðuflokkurinn anns an riaghaltas ann an co-bhann le Sjálfstæðisflokkurinn bho 1959 gu ruige 1971. Sgarr buidheann òigridh na làimhe chlì on phartaidh ann an 1930, agus stèidhich iad pàrtaidh Comannach fa leth, air an robh Kommúnistaflokkur Íslands.[3] ach thill iad ann an 1938. Dh'aontaich Alþýðuflokkurinn, Alþýðubandalagið, Kvennalistinn, agus Þjóðvaki – Hreyfing Fólksins ri Samfylkingin a stèidheachadh ann an 2000. A bharrachd air sin, b' ann gu Alþýðuflokkurinn a bhuinneadh Jóhanna Sigurðardóttir, a' chiad thè ann an eachdraidh na dùthcha agus a' chiad neach LCDT a bhios na Forsætisráðherra a-riamh, ro 1994.
Alþýðuflokkurinn Pàrtaidh nan Daoine | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 12 am Màrt 1916 |
Luchd-stèidheachaidh | Jón Baldvinsson Ólafur Friðriksson |
Àite-Stèidheachaidh | Reykjavík |
Beachd-smuainealas Eachdraidheil | Deamocrasaidh sòisealta |