Alfonso López Michelsen
From Wikipedia, the free encyclopedia
B’ e fear-lagha, sgoilear, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia a bh’ ann an Alfonso López Michelsen (Bogotá, 30 an t-Ògmhios 1913 – ibidem, 11 an t-Ògmhios 2007).[1] Bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar 7 an Lùnastal 1974 agus 7 an Lùnastal 1978.[2] Bha athair, Alfonso López Pumarejo, na cheann-suidhe dà thuras roimhe, eadar 1974 agus 1978, agus an uair sin bho 1942 gu 1946.[3] Phòs e aig Cecilia Caballero Blanco ann an 1938 agus rug i triùir duine-cloinne dha. S' e boireannach uabhasach ainmeil a th’ innte, a rinn tòrr airson nam ban agus an cuid chòirichean.
Alfonso López Michelsen | |||||
---|---|---|---|---|---|
7 dhen Lùnastal 1974 - 7 dhen Lùnastal 1978 ← Misael Pastrana Borrero - Julio César Turbay Ayala → | |||||
Beatha | |||||
Breith | Bogotá, 30 dhen Ògmhios 1913 | ||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Bàs | Bogotá, 11 dhen Iuchar 2007 | ||||
Àite-adhlacaidh | Central Cemetery of Bogotá (en) | ||||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (greim-cridhe) | ||||
Teaghlach | |||||
Athair | Alfonso López Pumarejo | ||||
Màthair | María Michelsen Lombana | ||||
Cèile | Cecilia Caballero Blanco (en) | ||||
Clann | |||||
Foghlam | |||||
Foghlam | Oilthigh an Rosario | ||||
Cànain | Spàinntis | ||||
Dreuchd | |||||
Dreuchd | dioplomat, neach-teagaisg oilthigh, neach-lagha agus neach-poileataigs | ||||
Duaisean a fhuaras | |||||
Creideamh | |||||
Creideamh | Caitligeachd | ||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Libearalach Choloimbia |
A bharrachd air bliadhna na chomhairliche airson Engativá (1938) cha do rinn e càil ann am poileataigs mus robh e 40 bliadhna a dh'aois. B' fheàrr leis a bhith an lùib nan oilthighean agus bha e na cheann-suidhe an Universidad Libre. Chuir an teaghlach seachad bliadhnaichean nam fògarraich thall thairis aig àm na deachdaireachd aig Gustavo Rojas Pinilla, ach cha do thill iad mus leig esan a dhreuchdan ann an 1957. An ceann dà bhliadhna chaidh gluasad poileataigeach a stèidheachadh le seann oileanaich aige, air an robh an MLR. Sheas e an aghaidh Guillermo León Valencia ann an 1962 airson na buidhne sin, ach chaill e. Bhuannaich e mu dheireadh thall ann an 1974.[4] Dh'fhàgadh airsan nach robh e rag a thaobh luchd-reic dhrogaichean agus gu robh e gu math dluth air Na Stàitean Aonaichte.