Guillermo León Valencia
From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e fear-malairt, agus riochdaire dioplòmasach agus neach-poileataigs à Coloimbia bh’ ann an Guillermo León Valencia Muñoz (Popayán, 27 an Giblean 1909 - Eabhraig Nuadh, 4 an t-Samhain 1971).[1] Bha e na cheann-suidhe Choloimbia eadar 7 an Lùnastal 1962 agus 7 an Lùnastal 1966, nuair a bha an dùthaich air a sgiùrsadh le ainneart marbhtach fuilteach eadar luchd-leantainn an dà phàrtaidh cumhachdail.[2] 'S ann do theaghlach beairteach a bhuineadh e: bha athair, Guillermo Valencia Castillo, na bhàrd ainmeil. Chaidh e do dh' Oilthigh a' Chauca. Phòs e aig Susana López Navia à Palmira, faisg air Cali, ann an 1931 agus rug i ceathrar duine-cloinne dha.[3] B' e ise a' chiad bhean a' chinn-suidhe a chaochail tron teirm an duine aige a-riamh.
Guillermo León Valencia | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
7 dhen Lùnastal 1962 - 7 dhen Lùnastal 1966 ← Alberto Lleras Camargo - Carlos Lleras Restrepo → | |||||||
Beatha | |||||||
Breith | Popayán, 27 dhen Ghiblean 1909 | ||||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||||
Bàs | Eabhraig Nuadh, 4 dhen t-Samhain 1971 | ||||||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (greim-cridhe) | ||||||
Teaghlach | |||||||
Athair | Guillermo Valencia Castillo | ||||||
Cèile | Susana López Navia (en) | ||||||
Clann | |||||||
Bràithrean ⁊ peathraichean | |||||||
Foghlam | |||||||
Foghlam | Oilthigh a' Chauca | ||||||
Cànain | Spàinntis | ||||||
Dreuchd | |||||||
Dreuchd | dioplomat, neach-poileataigs, neach-lagha agus neach-naidheachd | ||||||
Duaisean a fhuaras | |||||||
Creideamh | |||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia |
Bha Valencia na thosgair thall anns An Spàinn deich turas agus na Mhinistear nan Dùthchannan Cèin fad còrr is mìos ann an 1953. Chaidh a thaghadh ceann-suidhe na dùthcha ann an 1962. bha e an aghaidh na deachdaireachd aig Gustavo Rojas Pinilla agus, às aonais Valencia agus Alberto Lleras Camargo, dh' fhuiricheadh Pinilla san chumhanchd gu sìorraidh.[4] B' e a phrìomh-amas sìth a thoirt air ais dhan dùthaich: thug e ministrealachdan gu Libearalaich agus Tòraidhean ged a bha dubh ghràin aca. Bha Valencia cuideachd na thosgair anns na Stàitean Aonaichte eadar 2005 agus 2006. Rinneadh fanaid airsan anns na meadhanan o chionns gun tuirt e "Arriba España!" (Suas leis an Spàinn ann an Spàinntis) nuair a chuir e fàilte air Charles de Gaulle, ceann-suidhe na Frainge aig an àm.[5]